Prìs a' chonnaidh ga togail aig Westminster

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh, Gheàrr an sgeama 5sg far prìs a' chonnaidh ann an sgìrean eileanach agus tha plana ann sin a leudachadh gu cuid de sgìrean dùthchail air Tìr-Mòr.

Dh'iarr Ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tuilleadh airgid a thoirt far prìs a' chonnaidh ann an sgìrean eileanach agus dùthchail.

An-dràsta gheibhear 5sg far prìs gach liotair anns na h-Eileanan agus tha planaichean ann airson an sgeama sin a leudachadh gu cuid de sgìrean dùthchail air Tìr-Mòr.

Thòisich an sgeama ann an sgìrean eileanach ann an 2011,

"Airgead anns a' phoit"

Tha Mgr MacNèill ag ràdh, leis nach deach an t-airgead a chaidh a chur mu seach airson an sgeama a chosg air fad, gun gabhadh 7sg no 8sg a thoirt far gach liotair.

Thuirt e, ged a tha prìs a' chonnaidh air tuiteam air sgàth lùghdachaidh ann am prìs na h-ola, nach eil co-ionnanachd ann fhathast eadar na h-Eileanan agus bailtean air Tìr-Mòr.

Chan eil gealltanas ann nas motha, thuirt e, nach èirich prìs na h-ola a-rithist agus gun adbhraicheadh sin àrdachadh ann am prìsean connaidh air feadh na rìoghachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo