Sgrùdadh mu dhòighean-obrach SSE

Càball air grunnd na mara
Image caption Tha SSE an urra ri càball a chur air grunnd na mara eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr, gus an gabh cumhachd ath-nuadhachail a chur ris a' Ghriod Nàiseanta.

Dh'fhaodadh gun cuir Comhairle nan Eilean Siar fiosrachadh gu riaghladair a' chumhachd Ofgem mu SSE agus an dòigh anns a bheil iad a' dèiligeadh ri dealan anns na h-eileanan.

Tha rannsachadh ga dhèanamh ann an Sasainn, le Ofgem, mun dòigh sa bheil SSE a' dubhadh às farpais, nuair a tha luchd-cleachdaidh ag iarraidh ceangail ris a' Ghriod.

Thuirt Ofgem gun deadh sgrùdadh na b' fharsainne a dhèanamh leotha, nan tigeadh fiosrachadh mu dhòighean obrach SSE ann an àiteachan eile.

"Gun teagamh 's e rud a th' ann a bhios sinn a' coimhead ris thairis air an là no dhà a tha romhainn," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Tha sinn bho chionn fhada air a bhith draghail mu dheidhinn an t-suidheachaidh anns a bheil SSE a thaobh farpais, agus gur ann acasan a-mhàin a tha cead gach cuid a bhith an às ann a bhith a' cur a-mach dealain, agus cuideachd a bhith a' gluasad dealain, agus thaobh càball eadar sinn fhìn 's Tìr Mòr cuideachd.

"Bidh sinn a' coimhead ri sin a dh'fhaicinn a bheil càil ann a dh'iarradh sinne air Ofgem coimhead ris.

"Ach aig an ìre seo 's ann shìos an Sasainn a tha iad a' coimhead ri seo a dhèanamh, agus bidh sinne airson dìreach sùil gheur a chumail air dè thachras," thuirt e.

Thuirt neach-labhairt bho SSE gun obraich iad còmha ris na h-ùghdarrasan sgrùdaidh ann an Sasainn agus nach can iad an còrr mu dheidhinn gus am bi an rannsachadh seachad.