RockNess air a cur dheth bliadhna eile

Daft Punk Image copyright PA
Image caption Tha cuid de na còmhlain ciùil as ainmeile ann an ceòl gu h-eadar-nàiseanta air cluich ann, nam measg Daft Punk, Fatboy Slim, Steve Aoki, Basement Jaxx agus Madness.

Cha tèid an fhèis chiùil RockNess air adhart am-bliadhna - an dàrna bliadhna a chaidh an fhèis a chur dheth.

Cha deach fèis na bliadhna an-uiridh air adhart ri linn 's nach gabhadh ceann-là a lorg air a shon nach robh aig an aon àm ri Cupa na Cruinne agus Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.

Chan eil planaichean air tighinn am follais aig an ìre seo nas motha an fhèis a ruith an ath-bhliadhna.

Chaidh an fhèis a chumail gach bliadhna bho 2006-13 ann an Dubhras, air bruaichean Loch Nis.

Bhiodh suas ri 30,000 duine a' tadhail air an fhèis, a chaidh a chumail thairis air trì làithean.

Tha cuid de na còmhlain ciùil as ainmeile ann an ceòl gu h-eadar-nàiseanta air cluich ann, nam measg Daft Punk, Fatboy Slim, Steve Aoki, Basement Jaxx agus Madness.