Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Euslaintich

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur £100m ri sgeama airson euslaintich a thilleadh dhachaigh, no a chur gu dachannan cùraim an dèidh dhaibh a bhith san ospadal. Thèid an t-airgead a roinn thairis air trì bliadhna eadr bùird-shlàinte agus ùghdarrasan ionadail air feadh Alba, agus dòchas ann gun geàrr e air ais gu mòr air an àireamh euslainteach a tha a' feitheamh ri faighinn a-mach às an ospadal.

Prìs a' Ghas

Dh'innis Scottish Power gum bi iad a' gearradh 4.8% far prìs a' ghas aca airson dachaigh bhon 20mh là den ath-mhìos. Tha Scottish Power a' leantail E.on agus Centrica, dham buin British Gas agus Scottish Gas, a dh'innis mar thà gu bheil iad a' gearradh prìs a' ghas acasan.

Bàs Sleidsidh

Chaochail boireannach òg a chaidh a dhroch ghoirteachadh nuair a bha i a' sleidseadh san t-sneachda ann an Glaschu air an deireadh-sheachdain. Chaidh Maryam Najafian, a bha 25 bliadhna de dh'aois, a dhroch leòn ann am Pàirce Khelvingrove Là na Sàbaid. Chaochaill i ann an Ospadal an Southern General.

Trident

Bidh an SNP os cionn deasbaid ann an Taigh nan Cumantan an-diugh ag iarraidh cur às dhan phlana airson ùrachadh air armachd niuclasaich Bhreatainn, Trident, a tha stèidhichte air Linne Chluaidh. Tha am moladh a' faighinn taic bho Plaid Cymru agus am Pàrtaidh Uaine, ach chan eil dleastanas sam bith air an Riaghaltas gabhail ri co-dhùnadh na bhòta.

Prìs a' Bhainne

Tha Buill-Phàrlamaid ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tuilleadh dìon a chur air tuathanaich a' bhainne, a th' ann an èiginn leis mar a tha prìs a' bhainne air tuiteam gu mòr. Tha Comataidh na h-Àrainneachd, a' Bhìdh agus Chùisean Dùthchail ann an Westminster ag iarraidh, am measg rudan eile, càin air bùthainnean mòra nach eil a' dèiligeadh gu cothromach ri gnìomhachas a' bhainne.

Seirbheisean Adhair Uibhist agus Bharraigh

Tha dùil air an ath-mhìos ri co-dhùnadh bho cho-chomhairle a rinn Comhairle nan Eilean Siar, Còmhdhail Alba, agus Loganair air seirbheis adhair còig là san t-seachdain a stèidheachadh às ùr eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh. Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad an dòchas adhartas a dhèanamh gu ruige seirbheisean as ùr eadar Uibhist agus Steòrnabhagh, agus cuideachd eadar Uibhist agus Barraigh.