Loch Seaforth a' tòiseachadh "ro dheireadh a' Chèitein"

An MV Loch Seaforth
Image caption Tha dragh ann mun bhuaidh a bheir an dàil air gnìomhachas turasachd nan Eilean

Tha Ministear na Còmhdhail ag ràdh gu bheil e "misneachail" gun tòisich aiseag ùr Steòrnabhaigh ro dheireadh a' Chèitein.

Bha dùil gun gabhadh an MV Loch Seaforth, a chosg £42m, àite an MV Isle of Lewis an-uiridh ach tha dàil air tighinn oirre grunn thursan.

Choinnich buidheann-ghnìomha a tha a' coimhead ri bhith a' leasachadh ghoireasan aiseig air slighe Steòrnabhaigh airson a' chiad uair ann an Dùn Èideann Diardaoin.

Tha dragh mòr ann mu na tha an dàn dhan t-seirbheis às dèidh dha thighinn am bàrr gur e luchd-coiseachd a-mhàin a ghabhas an t-aiseag fad ùine as t-Earrach, fhad 's a tha alt-aiseig Ulapuil ga ùrachadh.

Fagaidh sin gum feum daoine a dh'iarradh carbadan a thoirt leotha an slighe a dhèanamh tron Eilean Sgitheanach.

Turasachd

Tha daoine a tha an sàs ann an gnìomhachas turasachd nan Eilean agus luchd-bathair air dragh mòr a thogail mun bhuaidh a bheir suidheachadh an aiseig orra-san.

Thuirt Dàibhidh Wood bhon chompanaidh Woody's gun tug an Isle of Lewis buaidh mhath air eaconomaidh nan Eilean nuair a thòisich i bho chionn fichead bliadhna, ach nach eil coltas ann gun dèan an t-aiseag ùr faisg uimhir de dh'fheum a dh'aindeoin 's na chaidh a chosg oirre.

Thuirt Ministear na Còmhdhail Derek MacAoidh ge-tà, gur ann a thig piseach air an t-seirbheis nuair a thòisicheas an t-aiseag ùr - agus gur ann a bhios sin gu maith an dà chuid eileanaich agus luchd-gnothaich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile