Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Bheilg

Tha tèarainteachd mhòr anns a' Bheilg, agus na h-ùghdarrasan an sin ag ràdh gun do chuir iad stad air ionnsaigh cheannairc. Chaidh dithis a bha fo amharas a mharbhadh, agus tha duine eile an grèim ann am baile Verviers air taobh sear na dùthcha, an dèidh dhaibh losgadh le gunnaichean air oifigearan poilis. Thuirt na Poilis gun robh na fir an dèidh tilleadh dhan Bheilg an dèidh a bhith ann an Siria.

Paras

Rinn Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, luaidh air feadhainn a chaill am beatha sa cheannairc ann am Paras an t-seachdain seo chaidh. Thadhail Mgr Kerry air a' bhùthaidh Iudhaich, agus air oifisean na h-iris Charlie Hebdo, far an deach 17 duine uile gu lèir a mharbhadh. Chuir poilis anns an Fhraing ochdnar an grèim an-raoir fo amharas mu na h-ionnsaighean sin.

Western General

Chaochaill boireannach an dèidh teine aig Ospadal an Western General ann an Dùn Èideann. Chaidh ceithir duine deug de na h-euslaintich a thoirt a-mach à uard anns an ospadal tràth sa mhadainn an-diugh, ach thuirt na Poilis gun do chaochail boireannach a bha 75 bliadhna de dh'aois, an dèidh làimhe.

An Cuan a Tuath

Tha coinneamh ann an Obar Dheathain an-diugh eadar an t-aonadh RMT agus a' bhuidheann Oil and Gas UK. Tha an RMT ag iarraidh stad air gearradh cosnaidh an dèidh do BP innse an-dè gu bheil iad a' gearradh 300 obair. Tha mòran ag iarraidh air Riaghaltas Westminster a' chìs a bharrachd a tha iad a' cur air companaidhean ola is gas a ghearradh.

Cidhe Ulapuil

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach gabh an còrr dàil a chur san obair air cidhe Ulapuil, an dèidh dhaibh coinneachadh ris an Riaghaltas agus ri buidhnean eile an-dè. Tha sin ag aindeoin agus gu bheil BP nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, ag ràdh gum bu chòir dàil a chur anns an obair ann an Ulapul gu deireadh na bliadhna gus nach mill e seusan na turasachd agus an eaconamaidh.

Tagraiche SNP

'S e Ian Blackford a tha a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach, tagraiche an SNP airson sgìre Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abar anns an taghadh choitcheann anns a' Chèitean. Bha Mgr Blackford aig aon àm na ionmhasair air an SNP, agus e a' seasamh anns an roinn anns a bheil Teàrlach Ceannadach aig na Lib-Deamaich na Bhall-Pàrlamaid an-dràsta.