Airgead a bharrachd don A83

An Rest and Be Thankful
Image caption Chaidh £9m den £32m san t-seachd bliadhna mu dheireadh, a chosg air a bhith a' dèiligeadh ri maoimtean-slèibhe aig an Rest and Be Thankful a-mhàin.

Chaidh £3m a bharrachd a chur, sa bhliadhna-ionmhais seo tighinn, mu choinneimh a bhith a' dèiligeadh ri maoimtean-slèibhe air an A83 ann am meadhan Earra-Ghàidheal.

Dh'fhoillsich Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, an t-airgead agus Buidheann-ghnìomha an A83 a' coinneachadh air an t-Àrar Diciadain.

Thèid an t-airgead a chosg ann an Gleann Chinn Ghlais, agus aig lùb na Sròine, faisg air ceann Loch Fìn.

Dh'iarr am Ministear cuideachd gun deadh rannsachadh a dhèanamh feuch dè eile a ghabhadh dèanamh gus an rathad a chumail fosgailte.

'S e prìomh rathad meadhan Earra-Ghàidheal a th' anns an A83, agus tha mar a bhios maoimtean-slèibhe, gu h-àraid aig an Rest and Be Thankful, gu tric ga dhùnadh, a' toirt fìor dhroch bhuaidh air eaconamaidh na sgìre.

Thar an seachd bliadhna mu dheireadh, chaidh £32m a chosg air dèiligeadh ris an trioblaid aig diofar àiteachan air an rathad.

Thuirt Mgr MacAoidh gun robh mar a chaidh dèiligeadh ris na maoimtean as ùire air sealltainn gun gabh an sgìre cumail fosgailte.

Chaidh £9m a chosg air earrann an Rest and Be Thankful fhèin, far an deach lìon stàillinn a chur ris a' bhruaich, gus creagan a ghlacadh os cionn an rathaid.