Dachannan HHP gam milleadh anns an droch shìde
- Air fhoillseachadh
Chaidh còrr air 500 dachaigh le Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) a mhilleadh leis an droch shìde a th' air a bhith a' toirt buaidh air an dùthaich bho Dhiardaoin a chaidh.
Thuirt a' bhuidheann gu bheil mu 150 de na togalaichean feumach air mòran obrach.
Bha Màiri Bremner, a tha na ball de HHP, ag ràdh gun tèid dèiligeadh ris a h-uile dachaigh ach gum feum daoine a bhith foighidneach ri linn 's gu bheil uiread de thogalaichean anns na h-eileanan rin càradh.
Thuirt i cuideachd nach eil e a' cur iongnadh oirre gun deach uiread de mhilleadh a dhèanamh.
Bha i ag ràdh: "Chan fhaca mise a-riamh nam bheatha, agus cha chuala mi a-riamh, gèiltean a bha cho buileach fhèin dona agus cho maireannach."