Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Fhraing

Thèid 15,000 saighdear agus oifigear poilis Fraingeach a chur an sàs ann an tuilleadh tèarainteachd aig làraichean air feadh na dùthcha, an dèidh ionnsaighean ceannairc na seachdain seo chaidh ann am Paras. Bidh 5,000 dhiubh sin a' cur dìon air sgoiltean Iùdhach san Fhraing.

Tèarainteachd Bhreatainn

Chùm Daibhidh Camshron coinneamh aig Sràid Downing le àrd-oifigeach nan seirbheisean tèarainteachd, 's iad a' deasbad dìon Bhreatainn bho cheannairc den t-seòrsa a bha san Fhraing. Dh'iarr am Prìomhaire co-obrachadh eadar na Poilis agus an t-Arm, air eagal 's gum bi feum air taic an airm.

An Droch Shìde

Thuirt Scottish Hydro gu bheil iad an dòchas an dealan a thilleadh an-diugh dhan bheagan a bharrachd air 1,000 luchd-cleachdaidh a tha fhathast às aonais ri linn na droch shìde. Tha droch shìde an-diugh a-rithist a' cur maill air luchd-obrach Scottish Hydro sna h-Eileanan an Iar, Cataibh, Gallaibh, Siorrachd Rois agus Siorrachd Inbhir Nis. Tha sgoiltean nan Eilean Siar uile dùinte an-diugh a-rithist, agus bidh feasgar ann air a' char as tràithe, mus seòl a' mhòr-chuid de na bàtaichean-aiseig.

NHS Roinn a' Mhonaidh

Dh'ainmich Ministear Slàinte na h-Alba, Shona Robison, £15m de thaic-airgid do NHS Roinn a' Mhonaidh. Tha am bòrd-slàinte sin ann an trioblaid, le droch aithisgean mu mhòran de dh'ospadail na sgìre, agus an cathraiche agus an àrd-oifigeach a' fàgail an dreuchd bho chionn ghoirid.

MV Finlaggan

Tha gearain ann an Uibhist nach do sheòl am bàt-aiseig, am Finlaggan à Loch nam Madadh o Dhiardaoin seo chaidh, ged a tha i air seòladh eadar Ùige agus an Tairbeart corra uair on uair sin. Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Uisdean Robasdan, air sgrìobhadh gu ball nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, agus e ag ràdh gur e dearbhadh a th' ann a-rithist nach eil am Finlaggan a' freagairt air an t-slighe.

Murt Bhreacais

Tha dùil ri boireannach mu choinneimh Àrd-Chùirt Ghlaschu an-diugh fo chasaid mun chiad mhurt bho is cuimhne le duine bho chionn ùine mhòir anns an Eilean Sgitheanach. Tha Sandra Bruce, a tha 59, fo chasaid mu mhurt Thormoid Bruce ann an taigh ann am Breacais faisg air an Ath Leathann anns a' Ghearran an-uiridh.