Ainm Gàidhlig air dìneasair ùr

Dearcmhara Image copyright Todd Marshall
Image caption Thug palaeonteòlaichean ainm Gàidhlig air a' chreutair, ri linn a cheangail ris na h-Eileanan.

Chaidh seòrsa ùr de dhìneasair aithneachadh anns an Eilean Sgitheanach, air an do chuir eòlaichean ainm Gàidhlig.

Bha an snàgair mara beò o chionn mu 170 millean bliadhna, agus chaidh aithneachadh bho fhosailean a chaidh a lorg ann an Stafainn.

Chuir eòlaichean bho Oilthigh Dhùn Èideann an t-ainm Dearcmhara air a' chreutair, bha 14tr (4.2m) de dh'fhaid.

Bha iad ag obair air cruinneachadh de bhloighean chnàmhan a chaidh a lorg san Eilean Sgitheanach thar an 50 bliadhna a dh'fhalbh.

Albannach

Dh'aithnich iad grunn sheòrsaichean de chreutairean uisgeach nach eil beò tuilleadh, ris an canar ichthyosaurs, agus a bha beò bho thoiseach gu ruige meadhan na Linne Diùrasaich, an t-seòrsa ùr seo nam measg.

"Aig àm nan dìneasairean, bha creutairean snàgach cho mòr ri motar-bhàtaichean a' tathaich uisgeachan na h-Alba," thuirt an Dr. Steve Brusatte, bho Sgoil an Geo-Shaidheans aig Oilthigh Dhùn Èideann.

"'S ainneamh dha-rìribh a gheibhear lorg air am fosailean, agus cha b' ann gu an-dràsta fhèin a lorg sinn seòrsa fa leth a bha gu tur Albannach."

Image copyright Thinkstock
Image caption Tha an t-Eilean Sgitheanach am measg glè bheag de dh'àiteachan far am faighear fosailean Meadhan-Diùrasach.

"Mura b' e cho fialaidh 's a bha an cruinneachair a thug seachad na cnàmhan seo don taigh-tasgaidh, seach a bhith gan cumail no gan reic, cha robh fios againn gu bràth gun robh am beathach iongantach seo beò riamh."

B' e co-bhanntachd eadar Oilthigh Dhùn Èideann, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Taigh-tasgaidh Hunterian Oilthigh Ghlaschu, Dualchas Nàdair na h-Alba, agus Taigh-tasgaidh Stafainn san Eilean Sgitheanach.

Thuirt an Dr. Nick Friseal, bho Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba: "Chan e a-mhàin gur e lorg air leth sònraichte a tha seo, ach tha e cuideachd a' comharrachadh toiseach co-obrachaidh mhòir ùir, sa bheil cuid de phrìomh phalaenteòlaichean na h-Alba an sàs.

"Thug e prìomh bhuidhnean, luchd-cruinneachaidh ionadail san Eilean Sgitheanach, agus eòlaichean bho nas fhaide air falbh còmhla.

"Tha sinn air bhioran mu phrògram na h-òbrach a tha seo, agus sinn mar thà ag obair air lorgaidhean ùra."

Tha an sgrùdadh air fhoillseachadh ann an Leabhran Albannach a' Gheòlais.