Cleasan na bliadhna ùire

Dè tha Jim Murphy ris?

A rèir a charaid Làbaraich Diane Abbott, 's e "ceannachd bhòtaichean Albannach le airgead Lunnainn".

Am beachd Mèir Lunnainn, Boris Johnson, 's e "cleas gun phrionnsabal" a dh'adhbhraicheadh sgaradh eadar diofar phàirtean dhen Rìoghachd Aonaichte.

Obh obh.

Am bi Mgr Murphy làn aithreachais, a' rannaich a-steach don Irn Bru aige?

Cha chanainn gum bi.

Àireamhachd

Tha ceannard ùr nan Làbarach Albannach, a rinn tòrr airson taic fhaighinn don Rìoghachd Aonaichte ro bhòt na Sultaine, ag ràdh gu bheil e iomchaidh cìs a chur air taighean mòra - a' mhòrchuid dhiubh ann an ceann a deas Shasainn - gus nursaichean ùra fhastadh ann an Alba.

Nach b' e sin adhbhar an Aonaidh anns a' chiad dol a-mach, airgead a roinn a-mach air feadh na dùthcha?

Mar sin, chuir Mgr Murphy taic ri cìs air taighean mòra ag ràdh gun toireadh i cothrom dha mar phrìomh mhinistear an ath-bhliadhna 1000 nurs a thoirt a-steach do sheirbhis na slàinte ann an Alba.

Tha an SNP ag ràdh gu bheil an àireamhachd aige fada ceàrr agus nach tigeadh airgead gu leòr gu Alba bhon chìs gus sin a dhèanamh.

Agus thuirt ceannard nan nàiseantach aig Westminster, Aonghas Robasdan, gun robh an SNP air cur ris na bha ann de nursaichean ann an Alba mar thà.

Ach ann an dòigh, chan e am polasaidh fhèin an rud as cudromach.

Saorsa

Nuair a dh'iarr Jim Murphy taic a' phàrtaidh aige ron Nollaig, b' e a rud a bu chudromaiche toirt air na Làbaraich taghaidhean a bhuannachadh a-rithist.

Agus, gus sin a dhèanamh, tha Mgr Murphy a' creidsinn gu feum e sealtainn gu bheil saorsa aige na polasaidhean aige fhèin a leantainn.

Ao-choltach ri Johann Lamont, a dh'fhalbh le gearan nach robh a leithid de shaorsa aicese, thuirt Jim Murphy nach b' fheudar dhasan cead fhaighinn bho dhuine sam bith ann an Lunnainn airson nam polasaidhean a chuireadh e an sàs mu thuath.

An turas-sa, thuirt e, cha do bhruidhinn e ri Ed Miliband mus do dh'fhoillsich e am polasaidh agus nach b' e gnothach Diana Abbott a bha ann idir.

Ceart no ceàrr, tha Jim Murphy a' tomhas nach dèan gearan bho Lunnainn cron sam bith air anns an oidhirp aige na Làbaraich a thoirt air ais gu cumhachd ann an Alba.

Às dèidh spòrs na Nollaig, is coltach gum bi cleasan gu leòr anns a' bhliadhna ùir.