Suidheachadh armaichte an Caol Loch Aillse

Chaidh pàirt de bhaile Chaoil Loch Aillse a dhùnadh dheth Dimàirt, agus oifigearan poilis armaichte a' dèiligeadh ri aithrisean gun robh fireannach armaichte san sgìre.

Bha sgioba chon ag obair còmhla ris na Poilis.

Cha deach duine a ghoirteachadh.

Chaidh fireannach, 38, a chur an grèim. Thèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.

Thug na Poilis taing do mhuinntir na sgìre airson an cuid foighdinn agus tuigse fhad 's a bha iad ag obair.