Sgudal niuclasach anns a' Bheilg

MV Parida
Image caption Chaill soitheach a bha a' giùlain cuid den sgudal chun na Beilge a stiùir ann an droch shìde, faisg air clàr-ola an-uiridh.

Chaidh an luchd mu dheireadh de sgudal rèidio-beò a thoirt bho sheann ionad niuclasach Dhùnrath ann an Gallaibh gu ruige na Beilge.

Chaidh an sgudal a chruthachadh fhad 's a bhathas a' giollachd stuth bhon Bheilg aig an làraich anns na 1990an.

Fo aonta co-cheangailte ris, chaidh an sgudal, anns a bheil cunnart meadhanach, a thilleadh chun na Beilge.

Anns an Damhair, chaidh soitheach, san robh dà amar le trì barraillean 500 liotair annta an urra den sgudal, a bhualadh le droch shìde ann an Linne Mhoireibh, ga cur ann an duilgheadas.

Chaidh einnsinn an MV Parida na theine, ga fàgail gun stiùir ann an stoirm.

Chaidh an luchd-obrach gu lèir a bh' air Clàr-ola Beatrice, faisg air làimh, a thoirt dheth, air eagal 's gum bualadh i ann.

Thugadh an soitheach a dh'Inbhir Ghòrdain airson obair-càraidh, agus lean i oirre an dèidh sin chun na Beilge.

Thuirt Ùghdarras an Dì-choimiseanaidh Niuclasaich aig an àm gun robh iad air an inbhe as ìsle de chunnart a chur mu choinneimh an t-soithich.

Tha an obair gus an sgudal niuclasach a thoirt air ais chun na Beilge air ceithir bliadhna a thoirt, le 150 tunna ga ghluasad ann an 21 turas mara.