Obair ga dèanamh air seirbheis fòn

Crann sgaoilidh fòn-làimhe Image copyright PA
Image caption Tha duilgheadasan air a bhith aig cuid le fòn-làimhe sna h-Eileanan bho chionn cha-mhòr mìos.

Tha na companaidhean BT is Vodafone ag ràdh gu bheil iad ag obair air na trioblaidean fòn a th' aig cuid anns na h-Eileanan an Iar an-dràsta.

Tha cuid fhathast gun seirbheis BT às dèidh na stoirme air an 10mh là den Dùbhlachd.

Tha Vodafone air a bhith dheth ann an cuid de sgìrean cuideachd, a' fàgail cuid gun fòn idir.

Am Miabhaig ann an Ceann a Tuath na Hearadh tha taighean gun loidhne BT bho chionn mìos agus tha seirbheis Vodafone air a bhith dheth bho chionn chola-deug.

Siostam eile

"Tha fhios agam gu bheil BT air a bhith ag obair air seo, 's tha mi air a bhith a' bruidhinn ri cuid den luchd-einnsinnìridh aca," thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll.

"Tha iad air a ràdh rium gu bheil iad air feadhainn a thoirt a-steach à àiteachan eile cuideachd airson cuideachaidh.

"Ach tha leithid ann, agus tha mi a' smaointinn gu bheil feum aca air barrachd, air t-sàilleabh tha an ùine a' sìor-ruith.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil gu leòr de dhaoine, agus gu h-àraid seann daoine, mun cuairt aig nach eil fòn, no air a bhith às aonais fòn airson dhà no trì sheachdainnean a-nis.

"Tha fhios againn cuideachd nach eil Vodafone no Orange a' toirt dhuinn seirbheis chunbhalach mar gum biodh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil seo air sealltainn dhuinn, ma thachras rudeigin mar seo, cho riatanach 's a tha e gu bheil siostam eile ann. Do gu leòr de dhaoine, chan eil.

"Tha na daoine anns na h-eileanan air a bhith ag obair trang, tha fhios againn air sin, tha iad air daoine eile a thoirt a-steach.

"Ach air a shon sin, feumaidh iad ceum eile a ghabhail, agus tha mi a' smaointinn daoine eile a thoirt a-steach còmhla riutha sin, air t-sàilleabh tha mìos ro fhada airson a bhith gun fòn," thuirt e.

Thuirt BT gu bheil iad a' cur luchd-obrach a bharrachd dha na h-eileanan an t-seachdain seo airson sùil a thoirt air na trioblaidean.

Thuirt iad a thaobh Miabhaig gu bheil iad an dòchas an loidhe a chàradh an ceann dà là.

Thuirt Vodafone gu bheil iad duillich dha-rìribh gu bheil trioblaidean aig daoine ann an Ceann a Tuath na Hearadh agus ann an sgìrean eile leis an t-seirbheis, agus gu bheil an luchd-einnsinnìridh aca a' coimhead ris a' chùis.