Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rannsachadh Drabastachd

Thuirt am boireannach air an tàinig a dreuchd fhàgail mar cheannard air rannsachadh Westminster air drabastachd chloinne, gu bheil i teagmhach an tachair an rannsachadh sin gu sìorraidh. Thuirt a' Bh. Ua. Butler-Sloss, a bha na britheamh aig aon àm, gur e dìmeas a bh' ann oirrese nuair a chaidh fàgail oirre gun robh i ro fhaisg air ùghdarras airson a bhith na cathraiche air an rannschadh. Thuirt i gu bheil cus chumhachd aig feadhainn a dh'fhulaing, agus nach bi rannsachadh ceart ann gun chathraiche a bhuineas, mar a thuirt i fhèin, dhan establishment.

Deuchainnean Ebola

Bidh ath-sgrùdadh ann air an dòigh rannsachaidh airson Ebola air luchd-obrach slàinte a tha a' tilleadh a Bhreatainn an dèidh a bhith ann an taobh siar Afraga. Tha sin an dèidh dha tighinn am follais gun deach teas-bodhaige Pauline Cafferky a thomhas sreath thursan aig Port-adhair Heathrow an dèidh dhi gearain nach robh i a' faireachadh gu math. A dh'aindeoin sin chaidh leigeil leis a' bhanaltram, a bha air tilleadh à Sierra Leone, siubhail a Ghlaschu, far an deach dearbhadh gun robh i a' fulang leis a' ghalar.

Tubaist an Inbhir Nis

Thuirt poilis ann an Inbhir Nis gun robh droch thubaist ann am meadhan a' bhaile anns an robh carbad agus cuideigin a bha a' coiseachd. Thachair an tubaist mu 07:30m air Sràid na Drochaid, agus tha na Poilis ag iarraidh air daoine an sgìre sin a sheachnadh. Chaidh pàirt den chuirm a bha gu bhith a' tòiseachadh air an Àrd-Shràid aig 12:00f a chur dheth, ro phàrtaidh Oidhche Challainn a-nochd.

Indonèisia

Thuirt oifigich ann an Indonèisia gun deach pìos mòr sprùillich fhaicinn anns a' mhuir far a bheil iad a' coimhead airson a' phlèana le AirAsia a chaidh a dhìth ann am Muir Java. Tha iad air seachd cuirp a thoirt às a' mhuir aig an ìre seo.

Drogaichean Ghlaschu

Tha triùir an grèim ann an Glaschu an dèidh do phoilis luach £2m den droga heroin fhaighinn ann an sgìre Springburn anns a' bhaile an-dè. Thuirt na Poilis gu bheil fir a tha 25, 27 agus 37 bliadhna de dh'aois, an grèim aca.

Urraman na Bànrighinn

Tha na h-uimhir de Ghàidheil am measg na th' air liosta urraim na Bànrighinn airson na Bliadhn' Ùire. Tha Art MacCarmaig a' faighinn OBE airson seirbheis do dh'fhoghlam Gàidhlig, agus the MBE ann do dh'Alasdair MacÌomhair airson a chuid obrach do chroitearachd. Fhuair Catriona NicFhionnghain NicAsgaill BEM airson na rinn ise do chànan is cultar na Gàidhlig, agus tha BEM ann cuideachd do Mhàiri Anna NicLeòid, cathraiche buidheann taic aillse broillich Leòdhais agus na Hearadh.