Faochadh bho dheuchainn Ebola

Chaidh a dhearbhadh nach robh an galar Ebola air boireannach a dh'fhàs meadhanach agus i aig Ostail Òigridh Thoirbheartain air Ghàidhealtachd.

Bha am boireannach, a tha na neach-obrach slàinte, air ùr-thilleadh à taobh siar Afraga, far a bheil an galar a' sgapadh.

Chaidh a toirt dhan ospadal ann an Obar Dheathain, ach às dèidh dheuchainnean chaidh innse nach robh ebola oirre idir.

Tha ban-Albannach eile, Pauline Cafferkey, a bha cuideachd air ùr-thilleadh a Ghlaschu à taobh siar Afraga, a' faighinn leighis ann an ospadal ann an Lunnainn, an dèidh dearbhadh gur e Ebola a th' oirrese.

Tuilleadh air an sgeulachd seo