Deuchainn Ebola aig tuath

Bhìorasan Ebola Image copyright CDC/SCIENCE PHOTO LIBRARY
Image caption Thathas a' tuigsinn nach eil cunnart mòr sam bith ann don mhòr-shluagh.

Thèid deuchainn a dhèanamh air an dàrna neach-obrach slàinte ann an Alba airson a' ghalair Ebola, an dèidh dhi tilleadh à taobh siar Afraga.

Bha am boireannach air a bhith a' fuireach aig Ostail Òigridh Thoirbheartain air Ghàidhealtachd, agus thèid a gluasad gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain airson deuchainnean.symptoms

Thathas den bheachd ge-tà, nach eil coltas ro mhòr ann gur e Ebola a th' ann, leis gu bheileas a' tuigsinn nach do thachair i ri duine air a bheil Ebola agus i ann an Afraga.

Tha seo a' tighinn an dèidh mar a chaidh a dhearbhadh gu bheil Ebola air neach-obrach slàinte, an dèidh dhi tilleadh à Sierra Leone.

Cunnart teagmhach

Chaidh a gluasad-sa à Ospadal Ghart nan Abhall ann an Glaschu, gu ruige ionad lèighis shònraichte aig an Ospadal Shaor Rìoghail ann an Lunnainn.

Bha i air a bhith ag obair le Save the Children ann an Sierra Leone, agus ràinig i Glaschu air itealan British Airways Didòmhnaich, ach chaidh a cur ann an aonad leatha fhèin aig Gart nan Abhall madainn Diluain an dèidh mar a thàinig fiabhras oirre.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach robh ach "cunnart gu math beag, fiù 's teagmhach" ann don mhòr-shluagh.

Bidh Ebola a' sgaoileadh an dèidh do dhaoine beantainn do dh'uisge na bodhaige - leithid fuil, dìbheart no salachair - bho dhuine air a bheil e.

Tràth an dèidh an galar a ghabhail, gheibhear fiabhras obann, pian sna fèithean, sgìths, ceann agus amhaich ghoirt.

Thig an uair sin dìbheart, a' bhuinneach, broth agus leigeil fala - an dà chuid am broinn agus taobh a-muigh na bodhaige - a chìthear anns na deudan, na sùilean, san t-sròin agus ann an salachair.

'S e tioramachd bodhaige, agus faileachadh bhall as motha a bheir bàs do dhaoine air a bheil Ebola.