Ceannard ùr air slàinte a' phobaill

Tha NHS na Gàidhealtachd air stiùiriche ùr ainmeachadh airson slàinte a' phobaill agus poileasaidh slàinte.

Tha an Dtr Hugo van Woerden an-dràsta ag obair sa Chuimrigh.

Chaidh e dhan sgoil ann an Inbhir Nis, agus bha e roimhe na dhotair teaghlaich ann am Malaig.

Tha athair, a bhràthair agus dithis pheathraichean dha a' fuireach ann an Inbhir Nis.

Chaidh an dreuchd fhàgail bàn agus an Dtr Margaret Somerville a' leigeil dhi a dreuchd.