Bu chòir Cal Mac a bhith sna h-Eileanan

Bàt-aiseig
Image caption Tha prìomh oifisean Chal Mac stèidhichte ann an Guraig, air Chluaidh.

Tha fear de bhuill Chomhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air a' Chomhairle a dhol an sàs ann an iomairt 'son prìomh oifisean Chaledonain Mhic a' Bhriuthainn a ghluasad dha na h-Eileanan.

Tha Raghnall MacFhionnghain ag ràdh gu bheil Cal Mac a' gearain nach eil rùm gu leòr sna prìomh oifisean a tha aca an-dràsta ann an Guraig, agus gun dèanadh gluasad feum cuideachd dhan t-seirbheis a tha na h-Eileanan a' faighinn.

"Air feadh nan Eileanan air fad, fiù 's ann an Steòrnabhagh, an trioblaid a th' air a bhith aca le bàta ùr aca 's gun na cidheachan aca deiseil, tha rudeigin fada fada ceàrr an sin," thuirt Mgr MacFhionnghain.

"Chan eil Mac a' Bhriuthainn a' coimhead air na h-eileanan againn dòigheil.

"Gu leòr"

"Feumaidh na h-oifisean aca ann an Guraig sioftadh a-mach chun nan Eileanan, o chionn 's chan eil iad a' bodraigeadh leinn ann an seo.

"Feumaidh a' Chomhairle suidhe sìos agus a chantail "tha seo gu leòr. Chan eil seo ag obrachadh idir".

"Chan eil obraichean againn an seo anns na h-Eileanan, agus cluinnidh tu daonnan Cal Mac a' gearain nach eil rùm aca ann an Guraig, gu bheil na h-oifisean aca a' fàs ro bheag," thuirt e.

Thuirt Mgr MacFionnghain nach eil dragh aige càite anns na h-Eileanan a bhiodh na h-oifisean, fhad 's gur ann a bhitheadh iad.

"Tha bàtaichean-aiseig ann airson nan Eileanan. Chan ann airson Tìr Mòr," thuirt e.

"Chuir iad seirbheis o Thìr Mòr gu Tìr Mòr, Ceann Loch Chille Chiarain gu Àird Rosain.

"Nuair a tha feum againn air seirbheis dhòigheil as t-Samhradh chan eil sinn ga fhaighinn.

"Air Tìr Mòr, gheibh thu ge b' e càite a bheil thu airson a dhol uaireigin, nì thu an gnothach air sin a dhèanamh.

"Ach anns na h-Eileanan, tha thu air do chumail anns an eilean. Feumaidh tu bàt-aiseig airson faighinn far an eilein," thuirt e.