Iomairt ùr son dìon a chur air a' mhaigheach bhàin

Maigheach bhàn Image copyright SNH
Image caption Tha uallach air SNH mu na h-àireamhean den mhaigheach bhàin a tha air fhàgail an Alba.

Thòisich iomairt ùr Dimàirt son dion a chur air a' mhaigheach bhàn.

Tha Dualchas Nàdar na h-Alba ag obair ann an co-bhann le Oighreachdan na h-Alba agus Urras Glèidhteachais Fiadh-bheatha airson piseach a thoirt air àireamh nam maigheach bhàn.

Tha SNH ag iarraidh air oighreachdan gun a bhith marbhadh cus de na maigheachan bàna.

Thuirt Ron MacDhòmhnaill fear de stiùirichean SNH "Tha sinn ag aithneachadh gu fèum oighreachdan smachd a chumail air na maigheachan bàn son dion a chur air stoc nan cearcan fraoich,

"ach tha fianais a' sealltain nach eil e gu fèum a bhith marbhadh cus mhaigheachan bàna mur eilear a' marbhadh bheathaichean eile a tha tarraing gartain a tha dèanamh cron air na cearcan fraoich".

Cearcan Fraoich

"Ma tha sgìrean far nach eilear a' marbhadh a h-uile beathach le gartain, tha sinn ag iarraidh air na h-oighreachdan, gun a bhith cur às do na maigheachan bàna".

A' bruidhinn as leth Urras Glèidhteachais an Fhiadh-bheatha, thuirt Adhamh Mac a' Ghobhainn gu bheil iad son a bhith coimhead às dèidh mhaigheachan bàna agus cearcan fraoich ann an dòigh a tha seasmhach dhan dà bheathach agus dhan àireanachd anns a bheil iad beò.

'S ann ann an 1995 a chaidh maigheachan bàna a chùnntadh mu dheireadh agus bha iad dhen bheachd gun robh 350,000 ann, ach 's dòcha nach robh ach an dàrna leth dhe sin ann.

Sios 28%

Coimheadaidh a' phroiseact ùr seo air dòighean furasda son na maigheachan bàna a' chùnntadh, agus chan e luchd-saidheans a-mhàin a bhiodh ga dhèanamh, ach daoine àbhaisteach a tha ag obair ann an sgìrean far a bheil beantann agus maigheachan bàna.

Tha diofar rannsachaidhean a' dèanamh a-mach gu bheil àireamhean a' bheathaich air tuiteam 28% eadar 1995 agus 2009, ach chan eil dearbhadh ceart air an àireamh sin.