Drugaichean ann an Inbhir Nis

Air fhoillseachadh

Nochdaidh fireannach anns a' chùirt ann an Inbhir Nis Diluain às dèidh mar a chaidh drugaichean fhaighinn aig stèisean rèile Inbhir Nis.

Bha luach mu £1000 anns na drugaichean a chaidh fhaighinn Dihaoine le oifigearan bho Iomairt Respect, a tha ag amas air lùghachadh a thoirt air foirneart air na sràidean, agus eucoir aig a bheil ceangal ri taighean-seinnse.

'S ann à sgìre Obar Dheathainn a tha an duine, a tha 40.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh