Cothrom aig SSE prìsean a ghearradh, a rèir Ofgem

Thuirt riaghladair a' chumhachd Ofgem gum faodadh SSE cur às sa bhad dhan chosgais a bharrachd a tha a' dol air luchd-cleachdaidh ann an ceann a tuath na h-Alba.

Tha iad an-dràsta a' pàigheadh 2sg a bharrachd airson gach aonad dealain na tha daoine ann am pàirtean eile den dùthaich.

Dh'iarr ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul air SSE barrachd diù a shealltainn dha na daoine le bhith a' toirt nam prìsean aca sìos gun dàil.

Thuirt neach-labhairt bho SSE gu bheil 2sg a bharrachd air gach aonad air sgàth 's gu bheil an lìonra aig tuath cho duilich a chumail a' dol.

Bha e ag ràdh gur e an dòigh a b' fheàrr lùghdachadh fhaighinn an siostam aig ìre nàiseanta atharrachadh gus am biodh cosgaisean air an roinn gu cothromach air feadh na dùthcha.

Chaidh litir Ofgem gu na Puill-Phàrlamaid airson na Gàidhealtachd Rhoda Ghannd agus Dàibhidh Stiùbhairt, agus tha iadsan an dùil coinneachadh ri Ofgem an ath-mhìos.