Sùil ga cumail air ionad-cùraim

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha a' Chomhairle ag ràdh gun cùm iad sùil gheur air an dachaigh-chùraim.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad a' cumail sùil gheur air ionad-cùraim ann an Leòdhas, agus gearainnean air nochdadh mun chùram a fhuair boireannach a bha a' fuireach ann.

Chaidh rannsachadh a dhèanamh air Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh às dèidh gearain bho chàirdean seann bhoireannaich, Norma Nic a' Ghobhainn, à Nis, nach d' fhuair i an cùram air an robh i airidh.

Tha aig an ionad-cùraim ri grunn mholaidhean airson an obair aca a leasachadh a chur an sàs ron Ghearran an ath-bhliadhna.

Thuirt Stiùiriche Seirbheisean Sòisealta is Coimhearsnachd na Comhairle, Iain MacAmhlaidh: "Gu ìre mhòir, bho là gu là, tha e air fhàgail aig an dachaigh-cùraim airson na planaichean cùraim aca a bhith ga stèidheachadh agus a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheilear ga thoirt seachad.

"Ach às dèidh an aithisg seo tighinn a-mach, tha mi air coinneamh iarraidh air Blàr Buidhe agus bidh sinn a' cur suas an sgrùdadh agus an rannsachadh a bhios sinn fhìn a' dèanamh mar roinn air sgàth na h-aithisg air na draghan agus na h-uallaichean a tha i a' toirt fo an aire."