Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

12 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cuilteireachd dhaoine

Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air lagh ùr stèidheachadh an aghaidh cuiltearachd dhaoine. Theid bile fhoillseachadh son dìon a chuir air feadhainn a tha a' fulaing agus peanas air feadhainn a th' air a' chùlaibh. Thàinig 55 cùis den t-seòrsa sin am follais ann an Alba an-uiridh.

Ionmhas

Theid reachdas fhoillseachadh an-diugh a bheir cead do Riaghaltas na h-Alba airgead a thogail air na margaidean ionmhais eadar-nàseanta. Tha an gealltanas, ann an Achd na h-Alba 2012, a' toirt cead do Phàrlamaid Holyrood cho mòr ri 2.2 billean not a ghabhail air iasad.

Èirinn a Tuath

Thuirt Ceann-suidhe Sinn Fein, Gerry Adams, gur ann 'leipideach agus gun stiùir' a bha còmhraidhean son aonta mu bhuidseat Èirinn a Tuath agus rudan eile a tha a'cur maille air proiseas na sìthe. Dh'fhàg Dàibhidh Camshron na còmhraidhean an-diugh gun aonta air a' bhuidseat agus tha dragh ann gum faodadh Seanadh Èirinn a Tuath tuiteam às a' chèile ri linn.

CIA

Thàinig e am follais gun do bhruidhinn seirbheisean brathaidh Bhreatainn ris na buidhnean Americanach mas do dh'fhoillsich Seanadh nan Stàitean Aonaichte aithisg a thuirt gu robh an CIA a' ciùrradh phrìosanach a bha fo amharas ceannairc. Thuirt Sràid Downing a-raoir ma 's e agus gun deach iarraidh fiosrachadh mu Bhreatainn fhàgail a-mach às an athaisg sin, gur ann son tèarainteachd na dùthcha. Bha an Riaghaltas ag ràdh ron a sin nach b'aithne dhaibh dad mu iarrtas den t-seòrsa. Tha seirbhisean brathaidh Bhreatainn a' dol às àicheadh cuideachd gu robh iad-san ri ciùrradh.

Àireamhan luchd-teagaisg

Thuirt aonadh nan tidsear, an EIS, gun toir gearraidhean Chomhairle na Gàidhealtachd droch bhuaidh air foghlam. Chailleadh àrd-sgoiltean na sgìre còrr 's 50 tidsear le plana na comhairle airson £55m a chaomhnadh air an ath-chòig bliadhna. Agus fon phlana sin bhiodh nas lugha de làraidhean a' glanadh nan rathaidean air a' gheamhradh agus bhiodh cosgais tiodhlaigidh an leth uidhir a-rithist.

Fo-thiotalan

Fhuair an iomairt an aghaidh fo-thiotalan Beurla air an t-sianal telebhisein Gàidhlig, BBC Alba, togail leis gun tuirt an riaghladair, Ofcom, nach eil dleasdanas sam bith air MG Alba fo-thiotalan a chleachdadh. Thuirt Ceannard Seirbheis BBC Alba, Mairead Màiri Mhoireach, gu bheil fo-thiotalan Beurla a' cuideachadh le taladh dhaoine dhan t-sianal, ach gum bi rannsachadh ann a dh'fhaighinn beachd air dè tha luchd-amhairc ag iarraidh.