Dealan air ais aig a' mhòr-chuid

Arcaibh Image copyright Alan Brown
Image caption Dealanach an Arcaibh Diardaoin.

Dh'innis a' chompanaidh SSE gu bheil iad air dealan a thilleadh dha cha mhòr a h-uile duine air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

Bha 27,000 dachaidh air cumhachd a chall às ùr às dèidh do dhealanach bualadh air an lìonra an Cille Chuimein mu 09.00m Diardaoin.

Bha na Eileanan an Iar, an t-Eilean Sgitheanach, Muile, Ìle, sgire an Òbain, Àird nam Murchan, Àird Fheàrna, Tom Aitinn agus Eilginn am measg àiteachan a chaill dealan.

Tha trioblaid a' leantainn anns na Hearadh.

Thuirt Buidheann Co-òrdanaiche Èiginn nan Eilean Siar gum faodadh an dealan a bhith dheth eadar Hùisinis agus Bun Abhainn Eadarra fad dà latha.

Taic

Dh' iarr iad air a' mhaor-chladaich agus na poilis tadhal air gach dachaigh feuch a bheil taic sam bith a dhìth orra.

Thuirt SSE cuideachd gu bheil dealanach a' leantainn is gur dòcha gum bi trioblaidean a bharrachd ann tron là.

Tha sreath de sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar dùinte air sgath suidheachadh an dealain.

Tha an liosta mar a leanas; Sgoil Bhàgh a' Chaisteil, Sgoil Bhaile a' Mhanaich, Sgoil Bheàrnaraigh, Sgoil Eòlaigearraidh, Sgoil na Pàirce, Sgoil an Iochdair, Sgoil Lìonail, Sgoil Loch nam Madadh, Sgoil Phaibeil, Sgoil Lionacleit is Sgoil Ùig.

Tha fhathast na h-uimhir de sgoiltean air a' Ghàidhealtachd dùinte agus gheibhear am fiosrachadh às ùr an seo

Aiseagan

Tha an aimsir fhathast a' toirt buaidh air seirbheisean aiseig a' chost an Iar.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun dèan iad ath-sgrùdaidhean tron là agus gur dòcha gun seòl cuid de na h-aiseagan a tha nan tàmh ma shocraicheas a' ghaoth.

Gheibhear am fiosrachadh às ùr bho Chal Mac fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile