Strì an Fhearainn an Slèite

Tarscabhagh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha croitearan Shlèite mì-thoilichte mu àrdachadh sa mhàl.

Dh'iarr Comataidh Cùl Cinn Shlèite air Urras Chloinn Dòmhnaill leigeil leis na croitearan smachd a ghabhail air an fhearann, mura h-eil e comasach dhaibh fhèin an talamh a stiùireadh.

Tha eas-aonta air èirigh eadar croitearan na sgìre agus an t-uachdaran às dèidh mar a chaidh innse gun rachadh am màl suas.

Ann an cuid de chùisean, 's e àrdachadh suas ri 5000% a bhiodh ann.

Moladh

Dh'aontaich a' chomataidh moladh do na croitearan gun gabhail ris an àrdachadh.

Thuirt Urras Chloinn Dòmhnaill ge-tà gu bheil iad air fios fhaighinn bho dhusan a-mach à faisg air ceud croitear mar-thà a thuirt gun robh iad deònach gabhail ri àrdachadh sa mhàl.

Tha an t-Urras ag ràdh nach deach am màl suas fad mu 40 bliadhna is nach eil na tha iad ag iarraidh a-niste dad nas àirde na an àbhaist ann an bailtean eile air a' chosta an iar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile