Plana mòr nan gearraidhean deiseil

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha gearraidhean mòra san amharc aig Comhairle na Gàidhealtachd

Tha buidheann-riaghlaidh Comhairle na Gàidhealtachd air plana a dheasachadh air mar a nì iad na sàbhalaidhean mòra a tha a dhìth orra gus am buidseat a chothromachadh.

Dh'innis iad roimhe gum feum iad £64m a chaomhnadh eadar 2015 is 2019 is thug iad cothrom dhan t-sluagh beachdachadh air molaidhean a rinn iad fhèin airson sàbhalaidhean a dhèanamh.

Tha a' Chomhairle a-nise air innse gu bheil iad air an t-suim a dh'fheumas iad a ghearradh a lùghdachadh le £9m às dèidh dhaibh sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na buidseatan aca.

"Èifeachdach"

Tha iad air cur rompa mar a nì iad sàbhalaidhean eile de £42m tro na dòighean obrach aca "ùrachadh agus a dhèanamh nas èifeachdaich" agus tro chuid de sheirbheisean a lùghdachadh.

Rachadh £600,000 a thoirt far bhuidseat a' Gheamhraidh, a' fàgail nach biodh uimhir de làraidhean a' sailleadh nan rathaidean.

Tha iad cuideachd a' moladh an àireamh de thidsearan àrd-sgoile a th' aca a ghearradh le 50.

Rachadh cosgaisean tiodhlaigidh suas 50% thar ceithir bliadhna is thigeadh cosgaisan pàircidh a chur an sàs Didòmhnaich.

Toll

Fàgaidh sin toll de £13m is a' Chomhairle ag ràdh gum feumadh iad an t-airgead sin a lorg eadar 2016 is 2019.

A thaobh 2015/16, bha fios mar tha nach rachadh iad air adhart le moladh connspaideach gus an ùine a tha clann a' cur seachad sa bhun-sgoil a lùghdachadh, ged nach eil iad a' gealltainn nach tachair e san àm ri teachd.

Cha tèid nas motha gearradh a bharrachd a dhèanamh air an taic a tha High Life Highland is Inverness Leisure a' faighinn.

Bidh fhathast lùghdachadh de 4% san taic a tha iad a' faighinn ann an 2015/16 is 1% gach bliadhna eadar 2016 is 2019.

Do-dhèante

Thuirt Ceannard Buidseat na Comhairle, Maxine Nic a' Ghobhainn, gu bheil e do-dhèante dhaibh sàbhalaidhean cho mòr a dhèanamh gun buaidh a thoirt air seirbheisean is daoine.

Thuirt i ge-tà nach eil dol às aca ach gearraidhean a chur an sàs gus am buidseat a chothromachadh.

"Tha an roinn as motha den bhuidseat againn ga chosg air cùram is foghlam", thuirt i.

"Far an urrainn dhuinn a' bhuaidh air foghlam a lùghdachadh, 's e sin a nì sinn.

"Dh'èist sinn ri beachd an t-sluaigh a thaobh ùine sa chlas a ghearradh is cha tachair sin an 2015/2016 gus an dèan sinn sgrùdadh a bharrachd air.

"Doirbh"

"Feuchaidh sinn cuideachd dàil a chur air gearraidhean sam bith do sheirbheisean mar àmaran-snàimh, leabharlainn is grantaichean choimhearsnachd gus cothrom a thoirt dhaibh dèanamh deiseil airson bliadhnaichean doirbh san àm ri teachd.

"Tha seo uile a' fàgail gu bheil beàrn againn fhathast de £13m sa bhuidseat eadar 2015 is 2019 is feumaidh sinn co-dhùnadh cò às a thig an t-airgead sin", thuirt i.

Thèid plana na buidhne-riaghlaidh mu choinneamh na làn Comhairle air an 18mh den Dùbhlachd.

Tha na neo-eisimeilich air a' Chomhairle air a' bhuidhinn-riaghlaidh a chàineadh roimhe mu shàbhalaidhean.

Dh'fhàg na neo-eisimeilich air a' bhuidhinn-riaghlaidh gun robh iad a' cur air adhart gearraidhean gun a bhith a' meòrachadh air a' bhuaidh air coimhearsnachdan.

Dh'iarr iad gun rachadh a' chìs chomhairle a chur suas gus na gearraidhean a lùghdachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo