Fearg air croitearan Shlèite

Àird Shlèite Image copyright BBC (le cead bho Undiscovered Scotland)
Image caption Cumaidh croitearan Shlèite coinneamh Dimàirt a bhruidhinn air an àrdachadh

Tha fearg air croitearan ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich 's an t-uachdaran air leigeil fhaicinn gun tig àrdachadh mòr air a' mhàl aca.

Chuir Urras Cloinn Dòmhnall litrichean gu mu 50 croitear ann an Slèite, às dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air luach an fhearainn agus na th' aig gach croitear dheth.

A rèir na litreach, thèid am màl aig cuid de croitearan an-àirde 5000%.

Tha na croitearan a' gearain nach deach bruidhinn riutha-san mun àrdachadh, agus cumaidh iad fhèin coinneamh a bhruidhinn air na bu chòir dhaibh a dhèanamh mu dhèidhinn.

Luach an fhearainn

Tha an t-Urras ag ràdh ge-tà gum feum iad am màl àrdachadh mu choinneimh luach an fhearainn, ìre na h-atmhorachd agus na tha daoine a' pàigheadh ann am bailtean croitearachd eile air taobh siar na Gàidhealtachd.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil 40 bliadhna ann bho thàinig àrdachadh air ìre a' mhàil mu dheireadh.

Thuirt fear de na croitearan, Teàrlach MacGilleBhraith, ge-tà nach e coire nan croitearan a tha sin.

"Carson nach do chuir iad suas am màl bho chionn bhliadhnaichean ma bha iad a' dol ga dhèanamh - ach a chur suas aig an ìre a tha seo 's e àrdachadh eagallach a th' ann".

Thuirt e gun robh e fhèin a' pàigheadh £37 ach gun tèid sin àrdachadh gu £300.

"A chur suas ann an aona leum mar sin 's e àrdachadh mòr a th' ann dha na croitearan", thuirt e.

Thuirt Mgr MacGilleBhraith gu bheil e duilich gu leòr do chroitearan beò-slàint' a dhèanamh às aonais an àrdachaidh sin.

Cumaidh na croitearan coinneamh oidhche Mhàirt a bhruidhinn mun àrdachadh agus na bu chòir dhaibh a dhèanamh mu dhèidhinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile