Leasachadh air Caisteal Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Thèid sgrùdadh a dhèanamh feuch dè na diofar dhòighean anns an gabhadh Caisteal Inbhir Nis a chur gu feum.
Choinnich a' bhuidheann a tha an urra ris a' phròiseact Diluain, 's iad a' coimhead ri mar a ghabhadh tuilleadh feum a dhèanamh den togalach ma ghluaiseas Seirbheis Chùirtean na h-Alba a-mach às.
Thèid cead-dealbhachaidh iarraidh ro dheireadh na bliadhna airson an tùir gu tuath a leasachadh mar àite far am faigh daoine sealladh os cionn a' bhaile, le bùth na chois.
Dh'fhaodadh an t-àite sin a bhith air fhosgladh an ceann bliadhna neo mar sin.
Thèid beachdan a' phobaill iarraidh air na molaidhean a thig am bàrr bhon sgrùdadh.
Adhartas
Thuirt Co-chathraiche Buidheann-obrach a' Chaisteil, Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd Drew Hendry, gu bheil e toilichte leis na tha de dh'adhartas ga dhèanamh.
Thuirt am BPA Fearghas Ewing gun cùm Riaghaltas na h-Alba taic ris a' phròiseact ma thèid àite ùr a lorg dha Seirbheis Chùirtean na h-Alba.
Thuige seo, chan fhaigheadh luchd-turais a-steach dhan Chaisteal leis gu bheil Cùirt an t-Siorraidh stèidhichte ann.
Tha dùil ri buil an sgrùdaidh sa Chèitean ann an 2015.