Cobhair air bàta-carago faisg air a' Pharbh

Am Parbh
Image caption Bha a' ghaoth a' putadh an "Norholm" a dh'ionnsaigh a' chladaich.

Chaidh cobhair a dhèanamh air bàta-carago à Sealtainn a bh' ann an cunnart a dhol air na creagan faisg air a' Pharbh.

Chaidh fios a chur gu Maoir-chladaidh Steòrnabhaigh beagan às dèidh 2000 Là na Sàbaid gun robh am bàta "Norholm", a tha a' giùlain èisg, air cumhachd a chall agus gun robh a' ghaoth ga putadh a dh'ionnsaigh a' chladaich.

Bha criubha de cheathrar air bòrd a' bhàta.

Dh'fheuch an criubha ri na h-acairean aca a chleachdadh airson am bàta a chumail air falbh bhon chladach ach dh'fhailich sin agus chaidh bàta-teasairiginn Loch an Inbhir a chur a-mach airson a cuideachadh.

Chaidh aig a' bhàta-teasairginn air an "Norholm" a shlaodadh a-mach gu muir a-rithist, fhad 's a bhathas a' feitheamh air a' bhàta-slaodaidh an "Herakles" à Arcaibh.

Tha dùil rithe sin anns an sgìre madainn Diluain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile