Coinneamh fhiosrachaidh mu chumhachd ath-nuadhachail

Crann-gaoithe
Image caption Cluinnidh na bhios an làthair mu phròiseactan chumhachd ath-nuadhachail a chaidh a stèidheachadh mar-thà.

Gheibh coimhearsnachdan anns na h-Eileanan Siar aig a bheil ùidh ann am pròiseactan chumhachd ath-nuadhachail tuileadh fiosrachaidh aig coinneimh ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo tighinn.

Tha buidhnean coimhearsnachd anns na h-Eileanan mar-thà air proiseactan a chur air chois a chruthaicheas 10.5MW de chumhachd, le dùil gun cruthachaichear 11MW a bharrachd ann an 2015.

Cumaidh a' bhuidheann Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba coinneamh far am bi riochdairean bho dhiofar phròiseactan coimhearsnachd an làthair.

Brosnachadh

Thuirt Kathleen NicDhòmhnaill bhon bhuidhinn gun toir an tachartas brosnachadh do bhuidhnean eile a dh'fhaodadh pròiseactan a chur air chois iad fhèin.

'S e cothom a tha seo dha na buidhnean sin tighinn agus bruidhinn mu dheidhinn nam pròiseactan sin - ciamar a fhuair iad na pròiseactan an-àirde agus dè tha iad a' dèanamh leis an airgead a tha a' tighinn a-steach bho na muilnean-gaoithe" thuirt i.

Tha còig buidhnean coimhearsnachd air crainn-ghaoithe a chur an sàs 's iad an dùil an teachd-a-steach a thig asta a chosg air leithid còmhdhail, taigheadas air neo a bhith a' lùghdachadh buaidh bochdainn connaidh.

Bidh a' choinneamh ann an Talla Eaglais Cuimhneachan Mhàrtainn ann an Steòrnabhagh Diardaoin, an 11mh là den Dùbhlachd aig 6:30f.