Lùghdachadh air seirbheisean slàinte Uibhist?

Fiaclan
Image caption Tha dragh ann mun astar a dh'fheumadh muinntir Uibhist siubhal airson faighinn chun an fhiaclair.

Tha dragh air muinntir Uibhist mu atharrachaidhean ann an seirbheisean slàinte na sgìre.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' beachdachadh air na h-ionadan fiaclaireachd ann an Loch Baghasdail, Loch nam Madadh agus Lionacleit a dhùnadh agus aon ionad a stèidheachadh aig Ospadal Uibhist 's Bharraigh ann am Baile Mhanaich.

Dh'fhàgadh sin ge-tà, gum feumadh daoine ann an Èirisgeigh agus ann am Beàrnaraigh siubhal mu 60 mìle airson faighinn chun an fhiaclair agus air ais dhachaigh a-rithist.

Tha am Bòrd Slàinte a' dèanamh dheth gum biodh e na b' fhasa luchd-obrach fhastadh agus a chumail, agus na bu shaoire, aon ionad fiaclaireachd a bhith ann.

Tha an Comh. Uibhisteach Raghnall MacFhionghain ag ràdh nach deach smaoineachadh ge-tà mun chosgais a thig air na h-euslaintich, gu h-àraidh ma dh'fheumas iad tacsaidh fhaighinn.

Leapannan ospadail

Tha dragh ann cuideachd gun deach lùghdachadh a thoirt air an àireamh leapannan ann an Ospadal Uibhist 's Bharraigh.

Dh'fhosgail an t-ospadal ann an 2001, le 29 leapannan.

A-nis ge-tà, tha sin air a ghearradh gu 15 - ged a thèid aca air 20 euslainteach a ghabhail ma bhios sin a dhìth.

Tha am Bòrd Slàinte ag ràdh ge-tà, nach tig ìsleachadh air an àireamh nursaichean a tha ag obair anns an ospadal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile