Dh'fhaodadh bàs neach-obrach slàinte a bhith air a sheachnadh a rèir Siorraidh

Dh'fhaodadh bàs neach-obrach slàinte a bhith air a sheachnadh nam biodh i air roghainn fhaighinn bho na manaidsearan aice gun a bhith siubhal, tha Siorram air a ràdh.

Bhàsaich Lorna NicDhòmhnail 26, à Steòrnabhagh, nuair a chaidh an càr aice far an rathaid, a-steach gu loch anns na Hearradh air fior dhroch là san t-Samhain 2011.

Thuirt an Siorram, Daibhidh Mac an t-Suatharlannaich, nach deach plana sàbhailteachd aig NHS nan Eilean Siar, son luchd-obrach, a chur an gnìomh air an là a bhàsaich Lorna.

Droch shìde

Ged nach do dh'adhbhraich seo bàs Lorna, nam biodh am plana air a chleachdadh, cha bhiodh ise air a bhith a' dràibheadh anns an t-seòrsa sìde a bha i air an là sin.

Bha Lorna ag obair mar leasaiche cainte 'son a' Bhùird Shlàinte 's bha i a' tilleadh a Steòrnabhagh às dèidh dhi a bhith ag obair le pàiste anns an t-Òb.

Le gaoth làidir agus uisge trom, thàinig an càr aice far an rathaid agus a-steach gu Loch nan Uidhein, leth mhìle bho Horsacleit.

Chuala an rannsachadh tubaist bàsmhoir gun robh NHS nan Eilean Siar air poileasaidh a chur air dòigh dà mhìos ron tubaist, 'son daoine a bha a' dràibheadh fhad 's a bha iad ag obair, ach cha deach am poileasaidh seo a sgaoileadh air an t-seirbheis eadar-lìn dhan luchd-obrach gu mìos às dèidh na tubaiste.

Uallach

Thuirt an Siorram gun robh dleastanas air luchd-obrach a bhith a' coimhead às dèidh an sàbhailteachd fhèin, ach gun robh dleastanas cuideachd air a' Bhòrd Shlàinte a thaobh cùraim an luchd-obrach aca.

"Bidh daoine òga proifeasanta daonnan a' feuchainn ris an dìcheall a dhèanamh 'son nan euslainteach aca.

"Tha uallach air manadsearan dìon a chur air luchd-obrach bho chunnart fhad 's a tha iad a' coileannadh an dleastanasan.

"Tha sinn eòlach gu leòr air droch shìde anns na h-Eileanan an Iar, agus tha cunnart ann daonnan gum fàs daoine coma ma tha tòrr rabhaidhean sìde ann 's nach eil an aimsir cho dona 's a thathar a' rabhadh.

"Feumaidh manadsearan am poileasaidh aca 'son daoine a tha ag obair dhaibh 's ag obair leotha fhèin agus a' dràibheadh, a chur an gnìomh".

Thuirt tè-labhairt 'son NHS nan Eilean Siar: "Tha a' chùis a-nise a' dol tro phròiseas laghail agus mar sin chan urrainn dhuinn iomradh a thoirt air".