200 bliadhna de Chomann Gàidhlig Dhùn Dè

Dùn Dè
Image caption Bidh Comann Gàidhlig Dhùn Dè a' comharrachadh a cho-là-breith aig an deireadh sheachdain.

Cumaidh Comann Gàidhlig Dhùn Dè tachartas air an deireadh sheachdain 's iad a' comharrachadh gu bheil 200 bliadhna ann bho choinnich a' bhuidheann an toiseach.

Bidh seirbheis Ghàidhlig aig a' bhuidhinn feasgar na Sàbaid.

Bidh a' bhuidheann a' cumail seirbheis Ghàidhlig gach bliadhna ach bidh tè na bliadhna seo gu sònraichte a' comharrachadh co-là-breith a' Chomainn.

Gàidheil "urramach"

Thuirt Iain Moireasdan a tha an sàs anns a' Chomann gu bheil iad a' faighinn fiosrachaidh mu eachdraidh a' Chomainn bho Leabharlann Dhùn Dè agus bho rannsachadh a rinn tè a tha an-diugh a' fuireach ann an Càrn Fheusda.

"Tha sinn a' tuigs' gun do choinnich a' chiad chomann ann an Dùn Dè air an 9mh là den Dùbhlachd 1814 agus gur e cruinneachadh de Ghàidheil rudeigin tha mi a' creids' urramach anns a' bhaile ach a bha ag iarraidh coinneachadh, agus a chuir comann de Ghàidheil ann am baile Dhùn Dè air adhart" thuirt e.

Tha atharrachadh mòr air tighinn air a' bhuidhinn thar nam bliadhnaichean.

"Tha a' bhallrachd thairis air na bliadhnaichean air atharrachadh glè mhòr - nuair a thòisich e aig toiseach toiseachaidh 's e dhà neo trì a bh'ann ... san là a th' ann an-diugh tha ballrachd a' Chomainn nas lugha na 50 (tha mi a' smaoineachadh gur e 45 a th' ann) - tha a' bhallrachd air atharrachadh air ais 's air adhart tro na bliadhnaichean ach ceud bliadhna air ais bha e gu math làidir," thuirt e.

Bidh an t-seirbheis Ghàidhlig ann an Eaglais Shaor an Naoimh Pheadair air Rathad Pheairt ann an Dùn Dè aig 3:00f Là na Sàbaid.

Bithear a' toirt taing tron t-seirbheis airson na h-aoigheachd a chaidh a thoirt do Ghàidheil ann am baile Dhùn Dè thairis air na 200 bliadhna a dh'fhalbh.