Pròiseact nan Ealan gun mhaoineachadh

Airgead Image copyright PA
Image caption Choisinn Pròiseact nan Ealan duais aig na Duaisean Gàidhlig airson an cuid obrach o chionn ghoirid.

Tha am BBC air fios fhaighinn nach fhaigh Pròiseact nan Ealan maoineachadh anns na trì bliadhna ri thighinn bho Alba Chruthachail.

Tha seo a' fàgail na buidhne, a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh, ann an staing, oir bha an t-airgead a bha Alba Chruthachail a' toirt seachad deatamach dhaibh airson cumail a' dol.

Fhuair Pròiseact nan Ealan duais aig na Duaisean Gàidhlig o chionn ghoirid, airson na h-obrach a tha iad a' dèanamh.

Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, am beachd coinneachadh ri Alba Chruthachail a dh'aithghearr.

"Tha Pròiseact nan Ealan a' dèanamh fìor dheagh obair," thuirt e.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil cothrom ann a-nis airson a bhith a' bruidhinn ri Alba Chruthachail, agus ris an Riaghaltas, dìreach a' mìneachadh dè seòrsa spèis a th' ann a-nis airson an obair a tha iad a' dèanamh.

"Tha mi an dòchas gum bi cothrom ann an t-seachdain seo tighinn airson coinneimh eadar mi fhèin agus Alba Chruthachail.

"Aig deireadh an là, chan e ministearan a tha a' dèanamh nan co-dhùnaidhean seo mu dheidhinn càite a bheil an t-airgead a' dol gu pròiseactan sònraichte.

"Ach tha mi an dòchas gum bi iad a' tuigsinn agus ag èisteachd ris an argamaid a th' ann gu bheil pàirt cudromach ann an saoghal na Gàidhlig aig Pròiseact nan Ealan," thuirt e.

Thuirt neach-labhairt do dh'Alba Chruthachail nach biodh e iomchaidh bruidhinn mu thagraichean fa leth ri duine ach a' bhuidheann a rinn an tagradh.

Thuirt iad gun do dh'iarr agus gun d'fhuair Pròiseict nan Ealan mìneachadh air a' cho-dhùnadh mu thaic-airgid agus gun robh an dà bhuidhinn air coinneachadh gus bruidhinn mu chothroman eile maoineachadh fhaighinn.

Dh'innis iad gun robh Pròiseict nan Ealan ron seo a' faighinn taic bhliadhnail, a' faighinn £225,000 an 2014.

Thuirt iad gu bheil taic-airgead do phròiseictean suas ri dà bhliadhna fhathast ri fhaighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile