Dotairean Locum a' cosg barrachd na riamh roimhe

Dotair Image copyright Corbis Royalty Free
Image caption Chosg NHS na h-Alba £82m air dotairean Locum air feadh na dùthcha sa bhliadhna a chaidh seachad.

Tha figearan a tha am BBC air fhaighinn air innse gu bheil Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air trian den bhuidseat aca a chosg air dotairean Locum anns a' bhliadhna a chaidh seachad.

Tha an NHS ann an Alba air £82m a chosg air feadh na dùthcha air dotairean Locum.

Tha dotairean Locum riamh air a bhith air an cleachdadh airson ùine nach eil dotair ri fhaghinn a lìonadh.

A nis ge-tà, tha an cleachdadh seo air irean a ruighinn nach eilear air fhaicinn riamh roimhe.

Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alna air innse mun amharas a th' aca mu dheidhinn seo, agus iad ag ràdh gu bheil cosgais mhòr na lùib, agus gu bheil e a' cur slàinte dhaoine ann an cunnart, le cus a bharrachd dhotairean a-nis ag obair ann an suidheachaidhean air nach eil iad eòlach.

Tha bùird shlàinte air a ràdh gu bheil gainnead dhotairean air feadh na dùthcha ag adhbhrachadh seo.

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ge-tà, air iomart a chuir air dòigh ann an ceann a tuath Shasainn airson barrachd dhotairean a tharraing suas chun na Gàidhealtachd.