Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

1 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sturgeon

Tha am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon air a bhith a' bruidhinn ri luchd-gnìomhachais ann an Glaschu 's i ag ràdh nach eil i ag amas air daoine beartach a pheanasachadh, a dh'aindeoin crathadh air laghan fearainn agus àrdachaidhean cìse do dhaoine beartach. Thuirt i ris a' BhBC gum faodadh bunaitean eaconomaigeach làidir a stèidheachadh le bhith a' strì an aghaidh eu-ceartais shòisealta agus a bhith a' brosnachadh cho-ionannachd.

Hong Kong

Tha an Àrd Chùirt ann an Hong Kong air òrdugh laghail a cheadachadh an aghaidh luchd-strì aig a' phrìomh champa dhaibh-san a tha ag iomairt airson deamocrasaidh. Chaidh an campa mòr eile a bh'aca a dhùnadh an t-seachdainn-sa chàidh le bàilidhean a bha a' cur dà òrdugh cùirte eadar-dhealaichte an sàs. Bha buaireadh ann tron oidhche eadar luchd-strì agus polais aig togalaichean riaghaltais.

SSE

Tha a' chompanaidh dealain SSE air a' chumhnant as motha riamh an Alba anns am bi tuarastal aig ìre bith-beò, a thabhainn air sia ceud duine a tha ag obair air pròiseact mòr anns a' bheil a' chompanaidh an sàs. Theid co-dhiù seachd not 's trì fichead sgillinn san uair a phàigheadh do dhaoine a tha ag obair air cabal dealain a stèidheachadh eadar Gallaibh agus Moireibh.

Ebola

Tha ceannard iomairt an UN an aghaidh Ebola ann an Afraga an iar, Tony Banbury, ag ràdh gur dòcha nach deigheadh ceann-là a stèidhich iad fhèin airson smachd fhaighinn air an tinneas, a choileanadh. Bha an UN ag iarraidh seachdad às a' cheud de dhaoine leis an tinneas a bhith ann an ionadan cùraim ron diugh. Thuirt Mghr Banbury gu bheil na dùthchannan as miosa a tha a' fulaing ann an droch shuidheachadh fhathast, ach gu bheil iad air an rathad cheart.

Drabastachd

Chaidh dotair cloinne à Cambridge a dh'aidich gun tug e ionnsaighean drabasta air balaich a bha fo chùram, a chur dhan phrìosan airson dà bhliadhna fichead. Bha Myles Bradbury air a bhith na eòlaiche aillse aig ospadal Addenbrooke. Dh'aidich e a chiont anns an t-Sultain am bliadhna, gun tug e ionnsaighean air balaich a bha eadar deich agus sia bliadhna deug a dh'aois. Thuirt am britheamh aig Cuirt a' Chrùin ann an Cambridge, gu robh Bradbury air cron mòr a dhèanamh air an fheadhainn a dh'fhulaing.

Oighreachd Chàrlabhaigh

Tha an t-Urras Coimhearsnachd a tha a' coimhead ri Oighreachd Chàrlabhaigh a cheannach, ag ràdh gum faodadh am fearann a bhith ann an làmhan nan daoine sa bhliadhna ùir. Tha iad ag ullachadh màpaichean mionaideach an-dràsta de thalamh na h-oighreachd, agus crìochan fearainn a chaidh a thoirt a-mach às an oighreachd tro na bliadhnaichean.

Aiseag Steòrnabhaigh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad an dùil ri molaidhean ùr bho Chal Mac ro dheireadh na seachdainn, air mar a ghabhas seirbheis aiseig a chumail ri Leòdhas, fhad 's a tha alt-aiseig Ulapuil ga ùrachadh. Chur clàr-ama eadar amail eadar Steòrnabagh 's Ùige dragh air mòran. Ach, às dèidh coinneimh leis a' chompanaidh, thuirt a' Chomhairle gun d'fhuair iad gealltanas air conaltradh nas fheàrr mus tèid co-dhùnaidhean mar seo a ghabhail san àm ri teachd.