"Sùil gheur" air cosgaisean tacsaidh

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Bheir Comhairle na Gàidhealteachd sùil air na tha ga chosg air còmhdhail.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol a choimhead ris na tha ga chosg air clann a thoirt gu sgoiltean far am faigh iad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Dh'iarr an Comh. Alasdair MacFhionghain, a tha a' riochdachadh sgìre Inbhir Pheofharain agus Shìophoirt, aithisg a sheallas cia mheud leanabh a tha a' faighinn tacsaidh gu sgoiltean Gàidhlig, an taca ri feadhainn Bheurla.

Tha e ag ràdh aig àm nuair a tha sàbhalaidhean mòra aig a' Chomhairle ri dhèanamh, gu bheil e iomchaidh sùil a thoirt air na tha ga chosg air còmhdhail do chloinn ann am foghlam Gàidhlig.

Tacsaidhean

Thuirt Mgr MacFhionghain gu bheil dà thacsaidh a' tighinn dhan bhaile aige fhèin, Drochaid Sguideil, airson clann a thoirt chun na sgoil Gàidhlig, ged nach eil na busaichean a tha a' togail cloinne a tha a' dol taobh na Beurla làn.

"Tha sàbhaladh còrr is £60m aig a' Chomhairle ri dhèanamh airson nan ceithir bliadhna a th' air thoiseach oirnn agus feumaidh sinn a bhith a' coimhead ciamar a tha sinn a' toirt seachad nan seirbheisean - a bheil na cosgaisean ceart", thuirt e.

Tha Mgr MacFhionghain ag ràdh nach eil e idir an aghaidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach gum feumar sgrùdadh a dhèanamh air na cosgaisean.

"Ma tha tacsaidhean ann 's iad a' dol, mar eisimpleir gu Sgoil Inbhir Pheofharain, ach tha na pàrantan ag iarraidh a' chlann a dhol gu Bun-sgoil Inbhir Nis, uill nam bheachd-sa bu chòir dha na pàrantan pàigheadh sin dhaibh fhèin", thuirt e.

Thèid an aithisg air beulaibh chomhairlichean sa Bhliadhna Ùir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile