Coinneamh mu chala ùr

Gheibh am poball cothrom aig coinneimh phoblaich ann an Inbhir Ghòrdain an t-seachdain seo am beachd a thoirt air cala ùr ann an Linne Chrombaidh.
'S e a' chompanaidh Global Energy Group a tha air cùl nam planaichean.
Tha Global Energy, leis a bheil Gàrradh Bhàgh an Eige, ag iarraidh cead bho Riaghaltas na h-Alba gus ùghdarras cala ùr a stèidheachadh aig beul Linne Chrombaigh.
Tha iad ag ràdh gu bheil seo a dhìth gus fàs a thoirt air an obair aca.
Thog Ùghdarras Port Chrombaigh dragh mun phlana mar thà.
Thuirt iad gun deach an t-ùghdarras a stèidheachadh le achd Pàrlamaid bho chionn 40 bliadhna gus dèanamh cinnteach gum faodadh an linne air fad cothrom a ghabhail air leasachaidhean ann an gnìomhachas na h-ola sa Chuan a Tuath.
Tha iad iomagainach gum faodadh cala prìobhaideadh droch bhuaidh a thoirt air eaconamaidh na sgìre.
Gheibh am poball cothrom am beachd fhèin a thoirt seachad aig a' choinneimh phoblaich ann an Inbhir Ghòrdain oidhche Dhiardaoin.