Leasachadh anns a' Mharc Innis

Marc Innis Image copyright Chris Wimbush/Geograph
Image caption Bha molladh gum bu chòir barrachd slighean coiseachd a chur timcheall na Marc Innse.

Dh'fhaodadh dachaidhean ùra a bhith air an togail san uisge air a Chanàl Chailleannach an Inbhir Nis, ma thèid le mollaidhean a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur air adhart.

Tha an t-ùghdaras ionadal a' feuchain ri piseach a thòirt air sgìre na Marc Innse - fear dhe na sgìrean is ainmeal a thaobh boidhchead an Inbhir Nis, le seallaidhean briath a' coimhead air Linne Mhoirbhe, slighean coiseachd àlainn ri taobh a' chànal agus àite briodaidh sònraichte son eòin ghrunnachaidh.

Beachdan

Aig a cheart am, 'se aon dhe na àitean is bochda an Alba a-reir cuid a rannsachaidhean.

Chùm Comhairle na Gàidhealtachd grunn choinneamhan poblach nas traithe am bliadhna son beachdan dhaoine fhaighinn air dè bu chòir a dhèanamh dhan sgìre.

Chaidh na beachdan sin a chur còmhla ann am paipear a thèid air beulabh chomhairlichean an t-seachdain seo tighinn.

Baile an Fhraoich

Am-measg na mollaidhean, tha beachd gum bu chòir tuilleadh cùisean a' leasachadh a thaobh turasachd, le slighean coiseachd ùra a chur air dòigh, agus gum biodh taighean air an togail air a' chanàl fhèin.

Bha mòran a' molladh gum bu chòir rudiginn a dhèanamh le seann togalach B&Q aig Baile an Fhraoich, a tha air a bhith falamh fad bhliadhnaichean.