Aiseag Mhalaig Loch Baghasdail dheth

Lochbaghasdal
Image caption Chaidh an aiseag a chur dheth ri linn 's gu bheil i fhathast anns an doc.

Tha dragh as ùr mun t-seirbheis aiseig air a' gheamhradh eadar Malaig agus Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas.

'S e Disathairne a' chiad latha de chlàr-ama a' gheamhraidh - ach chaidh co-dhiù trì dhe na seòlaidhean a chur dheth.

Thuirt Cal Mac nach do thill am bàt'-aiseig, an Lord of the Isles, a tha frithealadh na seirbheis, às an doc fhathast.

Tha'd an dòchas ge-tà, gun tèid aca air a' cheathramh seòladh a dhèanamh Disathairne.

Minister na Còmhdhail

Thòisich an sgeama poidhleat an-uiridh, ach chaidh timcheall air an dàrna cuid dhe na seòlaidhean a chur dheth tron gheamhradh a chaidh.

Tha còir dà sheòladh a bhith ann Disathairne agus Dimàirt gach seachdain tron gheamhradh.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt fear de Chomhairlichean Uibhist a Deas, Raghnall MacFhionghuin, nach b' e seirbheis sa gheamhradh an rud a bha muinntir Uibhist ag iarraidh, gur ann ann am mìosan an t-samhraidh a b' fheumaile a bhiodh i, agus gur e sin a bha dhìth.

"Even nuair a bha an t-sìde math an-uiridh, cha robh i a' falbh à Mhalaig, so mar a tha rud ag obrachadh sa gheamhradh dhuinne, cha dèan e sian a dh'fheum dhuinn ann an dòigh".

Thuirt Mgr MacFhionghuin gun robh e dol a' bhruidhinn ri Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, feuch an fhaigheadh e èisteachd.