Crathadh eile san iomain

Caol Bhòid is Inbhir Aora Image copyright SNS
Image caption Caol Bhòid is Inbhir Aora sa Chupa Cheilteach an 2014. Bidh geamaichean a bharrachd aig na sgiobaidhean an 2015 ma thèid gabhail ri moladh 'son structair ùir.

Tha dùil gun tèid taic a chur ri crathadh eile air farpaisean na h-iomain an uair a choinnicheas Comann na Camanachd airson an coinneimh bhliadhnail oidhche Haoine.

Chan ann mar seo a bha còir cùisean a bhith is an Comann air an structar ùr aca fhèin a chur an gnìomh an-uiridh.

Ged a bha co-chomhairleachadh ann is buidheann-obrach a bha a' coimhead ri structar nam farpaisean, bha iongnadh air gu leòr an uair a chaidh co-dhùnadh a' Phrìomh Lìog a ghearradh bho 10 sgiobannan gu 8 agus lìog ùr nàiseanta a thoirt a-steach.

Chan ann gu connspaid a bha an gnothach is theab na Sgitheanaich stad a chur air le coinneimh èiginn, is Comann na Camanachd a' soirbheachadh air èiginn air a' cheann thall.

Chan fhada gus an do nochd draghan mu dhìth gheamaichean is cuid de sgiobaidhean nan tàmh meadhan an t-Samhraidh no a' feitheamh grunn sheachdainnean eadar geamaichean.

Iomagain

A bharrachd air sin, bha iomagain ann gun robh 31 gheama ann nach deach air adhart idir thairis air an t-seusan, àrdachadh de 8 an taca ri 2013.

Thug an structar ùr buaidh air farpaisean eile cuideachd is cuid mì-thoilichte gun do dh'fhàg e sgiobaidhean bho na h-ìrean ìosal an aghaidh chuid aig àrd-ìre anns na cupanan.

Bha ceistean ann gu dè feum a rinn e do leithid Bhoth Fhleisginn call 11-0 ri Lòbhat ann an Cupa MhicThàmhais. Tha teans nach robh Both Fhleisginn fhèin buileach cinnteach oir tharraing iad a-mach an uair sin à iar-chuairt dheireannaich Phleit MhicThàmhais seach cluich an aghaidh a' Ghearasdain.

Bha na farpaisean plèit sin fhèin nan ceist deasbaid cuideachd. Chaidh an stèidheachadh gus geamaichean a bharrachd a chruthachadh air sgàth lìogan ùra nas lugha ach bha feadhainn ann nach do chuir mòran luach annta.

'S e sin uile 's a dh'fhàg gun tàinig fuamhairean Bhàideanach, Ceann a' Ghiuthsaich is Bàil' Ùr an t-Slèibh, air adhart le moladh ùr.

Mòr-chuid

Le Comann na Camanachd air taic a chur ris, cha bhi a dhìth ach mòr-chuid 'son a chur an sàs is a h-uile coltas ann gur e sin a thachras.

'S e am moladh gun tèid a' Phrìomh Lìog a thilleadh gu 10 sgiobannan, ach le 8 fhathast san Lìog Nàiseanta.

Cha bhiodh Lìog Tuath 3 ann tuilleadh le 10 sgiobannan ann an Lìogan Tuath 1 agus 2.

Bhiodh 8 ann an Lìog Deas 1, is 7 ann an Lìog Deas 2.

Tha teans gum bi dreach car diofraichte air a' ghnothach air a' cheann thall le Eilean Bhòid buailteach àite san Lìog Nàiseanta a dhiùltadh is coltas ann gun tig sgioba ùr Òban Latharna a-steach gu Lìog Deas 2.

Nas fhaide tuath, tha coltas ann nach bi Loch Bhraoin a' cluich idir, rud a bhiodh na thàmailt dhan spòrs.

Cha bhiodh ann ach aona fharpais phlèit - do Chupa Bullough - is bhiodh sgiobaidhean Lìge Nàiseanta a' cluich ann an Cupa a' Bhaile Mhòir.

Gearainean

Chan eil teagamh nach eil am moladh a' freagairt air cuid mhath de na gearainean a bh' ann.

Bidh barrachd gheamaichean dhan mhòr-chuid de na sgiobannan is an fheadhainn aig àrd-ìre gu sònraichte is cha bhi a' mhòr-chuid de na farpaisean plèit ann idir.

An tèid nas lugha de gheamaichean a chur dheth buileach glan? 'S e tìde a dh'innseas air a sin.

Dhèanadh e dùbhlan do leithid Chamanachd Leòdhais le siubhail a bharrachd ann. Tha na Leòdhasaich air taic a chur ris ach tha iad airson dèanamh follaiseach gum bi e na uallach dhaibh.

Chan eil guth idir ge-tà, air an rud a bh' aig teis-meadhain na connspaid an-uiridh, an Lìog Nàiseanta fhèin.

Gu ìre mhòir 's e cruthachadh na lìge sin a dh'abhraich na trioblaidean eile, ach a-nise tha fuasgladh ga mholadh dha na trioblaidean sin gun atharrachadh sam bith air an Lìog Nàiseanta.

"Nas fheàrr

Tha na Sgitheanaich air innse gun cuir iad taic ris a' mholadh - ged a tha iad fhathast a' cur an aghaidh na Lìge Nàiseanta - oir "tha e san fharsaingeachd nas fheàrr na an structar a th' ann".

'S e sin cnag na cùise ach 's e an dragh, leis nach eil am moladh a' freagairt air gach duilgheadas, gun nochd ceistean eile mu structar a-rithist san aithghearrachd.

Cha dèanadh sin cus feum dhan spòrs, is bithear an dòchas nach tachair e.

Bha moladh eile à thàinig à Ceann a' Ghiuthsaich a bhiodh air ceum mòr a dhèanamh a dh'ionnsaigh clogaidean do gach cluicheadair san spòrs.

Air a' cheann thall, agus gu tàmailteach am beachd chuid, chaidh am moladh sin a tharraing air sgàth ceist laghail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile