Eilean
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seirbheis slàinte nan Eilean Beaga

26 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha muinntir nan Eilean Beaga gam brosnachadh coimhead às an dèidh fhèin mar phàirt de dhòigh ùr seirbheisean slàinte a chumail riutha.

Tha e air faileachadh air NHS na Gàidhealtachd dotair teaghlaich fhastadh do mhuinntir Eige, Ruim, Chanaigh agus Eilean nam Muc.

Ach a-nis bidh dotairean a' dol thuca gu cunbhallach, agus gheibh na h-eileanaich cuideachd trèanadh ann an sgilean meidigeach agus cùram èiginneach.