Drew Hendry gus feuchainn air Westminster
- Air fhoillseachadh

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil e airson seasamh mar thagraiche dhan SNP aig an taghadh-choitcheann an ath-bhliadhna.
Chaidh ainm Drew Hendry a chur air adhart le buill SNP gus farpais a bhith na thagraiche dhan phartaidh an aghaidh an Lib-Deamaich, Danny Alexander, ann an Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach is Srath Spè.
Thuirt Mgr Hendry gu bheil fios aige bhon obair aige aig a' Chomhairle gu dè na dùbhlain a th' ann do mhuinntir na Gàidhealtachd.
Thuirt e gu bheil fadachd air a-nise feuchainn ri taic nam ball fhaighinn gus seasamh aig an taghadh às leth an SNP.
Chaidh Ailig Salmond às àicheadh aithrisean an t-seachdain seo chaidh gun robh e fhèin a' meòrachadh air seasamh dhan SNP an aghaidh Danny Alexander.
Chaidh Mgr Alexander, Àrd-Rùnaire gu Roinn an Ionmhais, a thaghadh mar bhall na sgìre an toiseach ann an 2005.
Thuirt e gun robh Ailig Salmond air ruith air falbh bhon fharpais is gur e dàrna roghainn an SNP a bhios ann an Drew Hendry.