60 airson losgadh air na geòidh

Geòidh
Image caption Tha dùil gu bheil a-nise suas ri 7,000 gèadh glas ann an Leòdhas is na Hearadh.

Thàinig còrr air 60 duine air adhart le ùidh ann a bhith a' losgadh air geòidh ann an Leòdhas is na Hearadh mar phàirt de sgeama spadaidh fhoirmeil.

Chaidh aontachadh am-bliadhna oidhirp cheart a dhèanamh air na h-àireamhan a lùghdachadh, agus thèid a-nis a chur air adhart an ath-bhliadhna.

Tha mòran draghail mun sgrios a tha na geòidh a' dèanamh air talamh croitearachd sna h-Eileanan.

Thathas a-nis den bheachd gu bheil na h-àireamhan aca ann an Leòdhas is na Hearadh air èirigh gu eadar 6,000 agus 7,000.

Thèid là cruinneachaidh a chur air dòigh airson nan daoine a chur iad fhèin air adhart, Dimàirt seo tighinn airson comhairle fhaighinn air gnothaichean teichnigeach agus an lagh, agus na bu chòir dhaibh a dhèanamh.

Tha a' bhuidheann-stiùiridh an-dràsta a' bruidhinn ris na h-uachdarain, agus sgrìobhaidh iad gu na comataidhean baile sna seachdainnean ri thighinn.

Thèid an losgadh air adhart thairis air ceithir seachdainnean san Earrach agus san Fhoghair an ath-bhliadhna.