Casg 5 bliadhna air dràibhear

Poilis
Image caption Thachair an tubaist air an A831 san Iuchar 2013.

Chaidh casg-dràibhidh còig bliadhna air dràibhear a mharbh tè-bhaidhsagail ann an tubaist-rathaid faisg air Druim na Drochaid an-uiridh.

Chaidh Màiri Brook, 59, à Baile an Fhàin, a mharbhadh an uair a bhuail an càr aig Murchadh Moireasdan, 73, cuideachd à Baile an Fhàin, innte air an A831 air an 22mh den Iuchar 2013.

Bha i a' siubhail gu Druim na Drochaid air a baidhsagal an uair a thachair an tubaist.

Dh'aidich Moireasdan gun do dh'abhraich e bàs Màiri Brook le a bhith a' dràibheadh gu mì-chùramach.

Thuirt e ri poilis aig an àm gun robh e den bheachd gun robh e a' siubhail eadar 15 is 20 m.s.u. Thuirt na Poilis gun robh an càr aige a' dol eadar 33 is 46 msu.

Aithreachas

Dh'innis fear-lagha Mhoireasdain gu bheil aithreachas mòr air mu na thachair is chuala a' chùirt gun robh Moireasdan air innse do luchd-obrach sòisealta nach eil là a' dol seachad nach eil e a' smaointinn air Màiri Brook. 'S e caraid agus nàbaidh dha a bh' innte, chuala a' chùirt.

Thuirt an Siorram Jamie Gilchrist QC gur e cùis thùrsach a bh' ann is gun robh litrichean à teaghlach Màiri Brooks air mìneachadh a' chaill a dh'fhulaing iad.

Thuirt e gun robh i a' siubhail air a baidhseagal san dòigh cheart is mar sin nach robh Moireasdan air rùm gu leòr fhàgail dhi.

A bharrachd air casg-dràibhidh còig bliadhna feumaidh Moireasdan cuideachd 140 uair de thìde de sheirbheis sa choimhearsnachd a dhèanamh.