Rabhadh mun phlùc an dèidh òraid

Caoraich
Image caption Tha duilgheadasan sònraichte aig croitearan a thaoh a' phlùic, seach tuathanaich eile.

Chan eil croitearan nan Eilean Siar a' dèanamh gu leòr gus smachd fhaighinn air tinneas a' phlùic am measg bheathaichean.

Seo na chuala coinneamh bhliadhnail Chomann Àrach Chaorach Leòdhais is na Hearadh oidhche Ardaoin ann an Steòrnabhagh, agus eòlaiche air an tinneas, an t-Oll. Phillip Skuce bho Institiùd Moredun, a' toirt seachad òraid.

"'S e adhbhar misneachd a bh' ann sa chiad dol-a-mach nuair a thàinig còrr air 30 duine, agus chuala iad tha mi a' smaoineachadh, eachdraidh agus fiosrachadh air galar a th' air a bhith anns an eilean a tha seo airson iomadach bliadhna," thuirt cathraiche a' chomainn, Iain MacÌomhair.

"Chan e a-mhàin gu bheil e anns an eilean, ach tha e air feadh na rìoghachd.

Fiosrachadh

"Rinn e soilleir gu bheil an suidheachadh ag atharrachadh. Tha an aimsir air atharrachadh, agus tha iad a' faicinn mar a tha an galar fhèin beò air atharrachadh.

"Mar a tha na geamhraidhean 's dòcha nas blàithe, agus na samhraidhean nas fliche, tha sin ga dhèanamh tòrr nas fhasa dhan bhoiteag a tha seo soirbheachadh.

"Bidh aon bhoiteag a' cruthachadh nam milleanan de dh'uighean, agus tha sin an uair sin a' dol dhan talamh, 's caoraich a' togail sin agus crodh.

"Chan e a-mhàin caoraich is crodh, ach faodaidh daoine fhèin a thogail cuideachd.

"Mar sin, 's dòcha nach eil mar a bha daoine a' dèiligeadh ris uaireigin 's dòcha iomchaidh an-diugh.

"Agus tha sinn a' faicinn cuideachd, mura toir daoine an drench ceart, a rèir a' bheathaich, 's ann a tha sin a' dèanamh barrachd cron na tha e a' dèanamh de dh'feum.

"Tha e cosgail dhan duine bho nach eil e a' dèanamh feum sam bith, agus chan eil e a' cuideachadh an t-suidheachaidh, bhon tha a' bhoiteag an uair sin chan eil buaidh sam bith aig na drenchichean sin orra," thuirt e.

Thug an t-Oll. Skuce seachad comhairle do chroitearan air mar a dh'fhaodas iad dèiligeadh ris a' phlùc.

"Rinn e soilleir gu bheil e cudromach gum bruidhinn daoine ris an lìghiche-sprèidh aca, agus 's urrainn dhaibh cuideachd a dhol air an eadar-lìon agus fiosrachadh math fhaighinn. Tha tòrr fiosrachaidh a-muigh a bheir comhairle do dhaoine.

"Agus ma leughas iad co-cheangailte ri tuathanachas, tha an-còmhnaidh fiosrachadh ann an sin cuideachd mu dheidhinn dè is còir dha daoine a bhith a' dèanamh.

"Tha sinn an dòchas gun urrainn dhuinn a bhith ag obair tòrr nas dlùithe air Moredun agus air na h-ollamhan, gus an dèan sinn cinnteach gu bheil am fiosrachadh a th' ann againn, agus gun urrainn dhuinn sin a chur a-mach chun nam ball," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo