Airgead
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cosgais a dhìth air bochdainn-connaidh

7 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba barrachd a chosg air bochdainn-connaidh, ma tha iad a' dol a dh'amas air an targaid aca gus cur às dha ro 2016.

Chaidh an rabhadh a thoirt seachad aig co-labhairt mhòr nàiseanta air a' chuspair.

Chualas gun robh suidheachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean buileach deatamach.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e Westminster a dh'fheumas tòrr de na tha a dhìth a dhèanamh.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.