Ceistean a' nochdadh mun Loch Seaforth

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhAP
fo-thiotal an deilbhTha am bàta ùr dà mhìos air dheireadh, agus gun na calaidhean deiseil.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, gum bu chòir rannsachadh a bhith ann mun phròiseas airson aiseig an MV Loch Seaforth a chur air an t-seòladh eadar Steòrnabhagh 's Ulapul.

Bha e a' bruidhinn mun naidheachd gum faodadh an t-slighe a bhith gun bhàta chàraichean airson sia seachdainnean an ath-bhliadhna, is an alt-aiseag ann an Ulapul ga ùrachadh.

"Tha seo caran air nochdadh mar chloich bhon adhair airson gu leòr de dhaoine," thuirt Mgr MacNèill.

"Tha iad mì-thoilichte gu bheil e a' tachairt mar seo.

"Mì-thoilichte gu h-àraid nach deach innse ceart dhan choimhearsnachd nach eil ann ach trì mìosan no mar sin gus am bi iad am beachd seo a thòiseachadh.

"Tha mi a' smaointinn nach eil e ceart no math idir.

"Agus tha mi a' smaoineachadh cuideachd gum feum seòrsa de sgrùdadh a dhèanamh air dè dìreach a th' air a bhith a' tachairt leis an Loch Seaforth o chionn 's gun robh còir aice a bhith an seo o chionn dà mhìos a-niste.

"Agus tha sinn a' faicinn gu bheil i air airgead mòr a chosg - cuid de dhaoine ag ràdh, an t-airgead a tha i air cosg air tìr, gum pàigheadh e airson dà bhàta leithid an Clansman, no an Hebrides no an Isle of Lewis fhèin.

"Tha ceistean mòra a-niste a' nochdadh 's gur e seo dìreach am pìos mu dheireadh a th' air daoine a shàrachadh," thuirt e.