Gearan ùr mu Ùghdarras a' Phuirt

Port Steòrnabhaigh Image copyright (C) British Broadcasting Corporation
Image caption Tha e coltach nach ann rèìdh a tha gnothaichean an-dràsta an Caladh Steòrnabhaigh.

Tha meur nan Eilean Siar den aonadh Unison air gearan a thogail an aghaidh stiùirichean Ùghdarras Phort Steòrnabhaigh.

Chuir an t-aonadh às leth an Ùghdarrais gu bheil iad air a bhith a' maoidheadh air luchd-obrach ann an co-cheangal ri uairean-obrach, clàran-obrach agus dì-chonaltraidh mu chlàr-obrach ùr.

Thuirt Ken Mathews bho Unison gu bheil iad cuideachd air sgrìobhadh gu Àrd-Oifigear Ùghdarras a' Phuirt, Sìne NicÌomhair, a' togail cheistean mu dè thachras an uair a thig cùmhnantan bliadhnail luchd-obrach gu crìoch an ceann ceithir seachdainean.

Dh'innis Mgr Mathews gu bheil soilleireachadh a dhìth air an aonadh an tèid iarraidh air luchd-obrach a' phuirt uairean a bharrachd obrachadh san Dùbhlachd, neo am biodh e ceadaichte dhaibh fuireach aig an taigh gu às dèidh na Bliadhna Ùire.

Connspaid

Tha connspaid air Ùghdarras Phort Steòrnabhaigh a chuairteachadh bho chionn ghoirid.

Dh'fhàg an cathraiche, Aonghas Mac a' Ghobhainn, a dhreuchd an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt Sandy MacMhathain, a bha na chathraiche air Coimisean Cidhe agus Caladh Steòrnabhaigh, an uair sin nach bu chòir do bhuill an ùghdarrais taic sam bith a chur ri brath-naidheachd a thàinig bhon àrd-oifigear is i air na h-uidhear de dhìon a chur air Mgr Mac a' Ghobhainn.

Às dèidh sin, thuirt stiùiriche Seirbheis Longais Steòrnabhaigh, Tormod MacArtair, gum feum an Riaghaltas a dhol an sàs airson an troimhe-chèile a thoirt gu ceann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile